Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Philemoin 1:20 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

20 Tha, a bhrathair. Gum meal mi thu san Tighearna: Furtaich air mʼ innibh anns an Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

20 Seadh, a bhràthair, faigheam gàirdeachas dod thaobh anns an Tighearna: dèan suaimhneach mo chridhe anns an Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

20 Seadh, a bhràthair, faigheam gàirdeachas dod thaobh anns an Tighearna: dèan suaimhneach mo chridhe anns an Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

20 Seadh, a bhràthair, airson 's gum biodh tairbhe agam uat anns an Tighearna, ùraich mo chridhe ann an Crìosd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

20 Leis a sin, a bhràthair chòir, dèan thusa coibhneas dhòmhsa anns an Tighearna; thoir togail dham chridhe mar mo charaid ann an Crìosd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Philemoin 1:20
14 Iomraidhean Croise  

Oir thug iad furtachd dha mʼ spiorad-sa, thug agus dha ʼr spiorad fhein. Cuiribh eolas ma ta air an leithidean sin.


Oir ma ni mi sibhse brònach, co bheir sòlas dhomh fhein, mur toir esan a rinneadh brònach leam?


An lathair Dhe: mar sin fhuair sinn furtachd. Ach ʼn ar toil-inntinn, ghabh sinn an ro-bharrachd sòlais á aighear Thituis, a chionn gun robh a spiorad-san air fhurtachadh leibhse uile.


Oir se Dia mʼ fhianuis air cho mor ʼsa tha mo dheidh oirbh uile ann an innibh Iosa Criosta.


Uime sin, a bhraithrean ro ghaolach ʼs dha bheil mo mhor speis, mo shòlas agus mo chrùn; fanaibh mar so steidheil san Tighearna, a chuideachda mo ruin.


A chuir mi air ais ad ionnsuidh. Agus gabh-sa ris, mar ri mʼ innibh-sa:


Oir bu mhor mo thoil-inntinn ʼs mo shòlas as do charrantachd: a chionn gun robh innidh nan naomh air am furtachadh leatsa, a bhrathair.


Bithibh umhailt dha ʼr pearsachan-eaglais, us bithibh striochdte dhaibh. Oir tha iadsan ri faire mar dhaoine aig a bheil cunntas ri thoirt air ur n-anmannan, los gun dian iad so le sòlas, ʼs cha n-ann le bròn: oir cha n-eil so freagrach dhuibh.


Am fear aig a bheil maoin an t-saoghail so, agus a chi a bhrathair ann an uireasuidh, agus a dhuineas ʼinnidh ʼna aghaidh: ciamar a tha carrantachd Dhe a tamh ann?


Toil-inntinn nas mua na so cha n-eil agam, mi chluinntinn gum beil mo chlann a g-imeachd am firinn.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan