Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Philemoin 1:17 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

17 Uime sin ma mheasas tu mise mar chompanach, gabh ris-san, mar rium fhein:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

17 Uime sin ma mheasas tu mise mar fhear co‑roinne, gabh ris-san mar rium fhèin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

17 Uime sin ma mheasas tu mise mar fhear co‑roinne, gabh ris‐san mar rium fhèin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

17 Mar sin, ma mheasas tu mise mar chompanach, gabh ris‑san mar rium fhèin,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

17 Mar sin, ma tha thu gam mheas mar fhear-dàimh, gabh ris-san mar a ghabhadh tu rium fhìn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Philemoin 1:17
17 Iomraidhean Croise  

An neach a ghabhas ribhse, gabhaidh e riumsa: ʼs an neach a ghabhas riumsa, gabhaidh e ris-san a chuir mi.


Agus ge bʼe a ghabhas ri leanabh beag mar so na mʼ ainmse, tha e gabhail riumsa.


ʼSa freagairt their an righ riu: Gu deimhinn tha mi g-radh ribh: cho tric ʼsa rinn sibh doʼn aon is lugha dhe mo bhraithrean so, rinn sibh dhomhsa e.


ʼS nuair a bhaisteadh i fhein ʼsa teaghlach, ghrios i oirnn, a g-radh: Ma tha sibh gam mheas dileas do ʼn Tighearna, thigibh do mʼ thigh, us fanaibh ann. Agus thug i sin oirnn.


Co-dhiu ʼsann as leth Thituis, a tha ʼna chompanach agamsa agus ʼna fhear-cuideachaidh gu ʼr taobhsa, no as leth ar braithrean, ostail nan eaglaisean, gloir Chriosta.


Gum biodh na cinnich ʼnan co-oighreachan, ʼnan aon chorp, ʼs ʼnan luchd-comhpairt ʼna ghealladh-san ann an Iosa Criosta tromh ʼn t-soisgeul,


Mar a tha e ceart dhomhsa so a smaoineachadh mu ʼr deidhinn uile, ʼs gum beil sibh agam na mʼ chridhe, ʼs na mʼ chuibhrichean, ʼs ann an dion, ʼs an daingneachadh an t-soisgeil, gum beil sibh uile ʼnur luchd comhphairt na mʼ shòlas:


Ach iadsan aig a bheil maighistirean creideach, na sealladh iad sios orra, a chionn ʼs gur braithrean iad: ach dianadh iad seirbhis dhaibh a raghainn, a chionn iad a bhith ʼnan creidich agus gradhaichte, agus roinn aca dhe ʼn tiodhlac. Teagaisg so, agus comhairlich.


Tha mi guidhe ort air son mo mhic Onesimus, a ghineadh dhomh na mʼ shlabhruidhean,


A chuir mi air ais ad ionnsuidh. Agus gabh-sa ris, mar ri mʼ innibh-sa:


Agus ma rinn e call sa bith ort, no ma tha e fo fhiachan dhut, cuir sin sios am aghaidhse.


Air an aobhar sin, a bhraithrean naomha, aig am beil comh-phairt anns a ghairm fhlathasaich, gabhaibh beachd air ostal ʼs ard-shagart ar n-aideachaidh, Iosa:


Oir rinneadh comh-phairtiche Chriosta dhinn: ach ʼsann, ma se ʼs gun gleidh sinn toiseach a shusbuinn gu daingeann gus a chrioch.


Eisdibh, mo bhraithrean ro ghradhach, nach do thagh Dia bochdan an t-saoghail so gu bhith beairteach an creideamh, ʼs ʼnan oighreachan air an rioghachd, a gheall Dia dhaibh-san a bheir gaol da?


Tha mi guidhe ma ta air na seanairean ʼnur measg, ʼs mi fhein cuideachd am sheanair, ʼs am fhianuis air fulangasan Chriosta, agus am fhear-comhphairt de ʼn ghloir sin a tha ri foillseachadh anns an àm ri tighinn:


Na chunnaic agus na chuala sinn tha sinn a g-innse dhuibh, gu co-chomunn a bhith agaibh ruinne, us gus am bi ar co-chomunne ris an Athair, us ri Mhac Iosa Criosta.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan