Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Philemoin 1:11 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

11 A bha air uair neo-tharbhach dhut, ach a tha nis tarbhach dhomhsa mar-aon us dhutsa,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

11 Neach a bha uaireigin neo-thairbheach dhutsa, ach a‑nis a tha tairbheach dhutsa agus dhòmhsa:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

11 Neach a bha uaireigin neo‐thairbheach dhutsa, ach a‑nis a tha tairbheach dhutsa agus dhòmhsa:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

11 a bha uaireigin gun fheum dhut, ach a tha a‑nis feumail dhutsa agus dhòmhsa.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

11 Bha àm ann nach robh e gu feum sam bith dhutsa, ach tha e a‑nise feumail dhutsa agus dhòmhsa.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Philemoin 1:11
10 Iomraidhean Croise  

Agus tilgibh an seirbhiseach gun fheum an dorchadas iomallach: an sin bithidh gal us giosgan fhiacal.


A chionn ʼs gun robh mo mhac so marbh, agus thainig e beo rithist; bha e air chall, agus fhuaireadh e. Us thòisich iad air a bhith cridheil.


Ach bha e iomchuidh gun dianamaid cuilm agus cridhealas: a chionn bha do bhrathair so marbh, us thainig e beo; bha e air chall, agus fhuaireadh e.


Air leam nach toir. Mar an ciadna sibhse, nuair a ni sibh na nichean sin uile a chaidh orduchadh dhuibh, abraibh: Is seirbhisich neo-tharbhach sinn: rinn sinn an ni bu chòir dhuinn dhianamh.


Chlaon iad uile bharr na slighe, dhʼ fhas iad neo-tharbhach gu leir: cha n-eil a h-aon a tha dianamh math, cha n-eil fiu a h-aon.


Tha Lucas ʼna aonar maille rium. Gabh Marcus, us thoir leat e: oir tha e gu feum dhomhsa san fhrithealadh.


Tha mi guidhe ort air son mo mhic Onesimus, a ghineadh dhomh na mʼ shlabhruidhean,


A chuir mi air ais ad ionnsuidh. Agus gabh-sa ris, mar ri mʼ innibh-sa:


Sibhse nach robh air uair ʼnur pobull, ach a tha nis; ʼnur pobull De: sibhse nach dʼ rainig air trocair, ach a nis a rainig air trocair.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan