Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Philemoin 1:1 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

1 Pol, priosanach Iosa Criosta, us Timoti, brathair, gu Philemon gradhach agus ar co-oibriche,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Pòl, prìosanach Iosa Crìosd, agus Timòteus ar bràthair, a‑chum Philemoin as ionmhainn leinn, agus ar co‑shaothraiche,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

1 Pòl, prìosanach Iosa Crìosd, agus Timòteus ar bràthair, a‑chum Philemoin as ionmhainn leinn, agus ar co‑shaothraiche,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

1 Pòl, prìosanach Chrìosd Ìosa, agus Timòteus, ar bràthair, Gu Philemon gràdhach 's ar co‑obraiche,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

1 Tha Pòl, a tha na phrìosanach air sgàth Iosa Crìosd, agus ar bràthair Timòteus a' cur na litir seo gu ar co‑obraiche gràdhach Philèmon,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Philemoin 1:1
18 Iomraidhean Croise  

Agus thainig e gu Derbè ʼs gu Listra. Us, seall, bha deisciopul araid an sin, dha ʼm bʼ ainm Timoti, mac ban-Iudhaich a bha creidsinn, ach bʼ ann de na cinnich ʼathair.


Oir is sinne luchd-cuideachaidh Dhe: is sibhse treabhachas Dhe, is sibh aitreabh Dhe.


Pol, ostal Iosa Criosta le toil De, agus Timoti, brathair, gu eaglais Dhe a tha an Corint, maille ris na naoimh uile, a tha ann an Achaia gu leir.


Oir tha sibh uile ʼnur cloinn do Dhia tromh ʼn chreideamh, a tha ann an Iosa Criosta.


As leth so, tha mise, Pol, na mʼ phriosanach Iosa Criosta, air ur sonsa, a chinnich,


Air an aobhar sin tha mise, priosanach an Tighearna, a g-achanaich oirbh, sibh a ghluasad an seol freagrach do ʼn ghairm leis na ghairmeadh sibh,


ʼS mi am theachdair air a shon ann an cuibhreach, los mi bhith misneachail ann, gu labhairt mar is còir dhomh.


Pol us Timoti, seirbhisich Iosa Criosta, do na naoimh uile ann an Iosa Criosta, a thʼ ann am Philippi, maille ris na h-easbuigean ʼs na deaconan.


Ach chunnaic mi iomchuidh Epaphroditus, mo bhrathair, mo cho-oibriche, ʼs mo cho-shaighdear, agus ur n-ostal-sa, agus fear-frithealaidh mʼ uireasuidh, a chur gu ʼr n-ionnsuidh:


Us tha mi g-achanaich ortsa cuideachd, a chompanaich threibhdhirich, na boirionnaich sin a chuideachadh, a dhʼ oibrich anns an t-soisgeul comhla riumsa, maille ri Clement agus mo luchd-cuideachaidh eile, aig am beil an ainmean an leabhar na beatha.


Pol, ostal Iosa Criosta tromh thoil Dhe, agus Timoti, brathair,


Agus Iesus, ris an canar Iustus, a tha dhe ʼn timchioll-ghearradh; ʼs iadsan a mhain mo luchd-cuideachaidh a thaobh rioghachd Dhe, ʼsa bha ʼnan sòlas domh.


Agus chuir sinn h-ugaibh Timoti, ar brathair, us fear-frithealaidh Dhe ann an soisgeul Chriosta, gus ur neartachadh, agus ur brosnachadh a thaobh ur creidimh;


Pol, agus Silbhanus, agus Timoti, do eaglais muinntir Thessalonica ann an Dia ar n-Athair, agus san Tighearna Iosa Criosta.


Na gabh nàire ma ta á teisteanas ar Tighearna, no asamsa, a phriosanach: ach saothraich comhla riumsa air son an t-soisgeil, a reir cumhachd Dhe,


Tha Epaphras mo cho-phriosanach ann an Iosa Criosta a cur bheannachd h-ugad,


Us Marcus, Aristarchus, Demas, agus Lucas, mo luchd-co-oibre.


ʼSann is docha leam guidhe ort as leth na carrantachd, bhon a tha thu aosda mar Phol, a tha nis cuideachd am phriosanach air son Iosa Criosta:


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan