Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 7:3 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

3 Oir cha n-ith na Phairisich, agus na h-Iudhaich uile biadh, mur nigh iad an lamhan gu tric, a leanail beul-aithris nan seanairean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

3 Oir chan ith na Pharasaich agus na h‑Iùdhaich uile biadh, mura ionnlaid iad an làmhan gu minig, a’ coimhead beul-aithris nan seanairean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

3 Oir chan ith na Pharasaich agus na h‑Iùdhaich uile biadh, mura ionnlaid iad an làmhan gu minig, a’ coimhead beul‐aithris nan seanairean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

3 (Oir chan ith na Pharasaich 's na h‑Iùdhaich gu lèir biadh mura nigh iad an làmhan gu faiceallach, a' cumail dualchas nan èildearan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

3 (Oir cha bhi na Pharasaich no na h‑Iùdhaich gu lèir ag ithe gun an làmhan a ghlanadh an toiseach, a‑rèir cleachdadh an athraichean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 7:3
10 Iomraidhean Croise  

A cur facal De air chul le ur bial-aithris fhein, a thug sibh seachad; agus tha sibh a dianamh ioma ni eile coltach riu sin.


Agus dhʼfharraid na Phairisich ʼs na Sgriobhaich dheth: Car-son nach eil do dheisciopuil a g-imeachd air reir beul-aithris nan seanairean, ach a g-ithe arain le lamhan gun nighe?


Us thòisich am Phairiseach ri radh ʼna inntinn fhein, car-son nach dʼionnlaid e e fhein roimh a dhinneir.


A nis bha sia poitean-uisge de chloich air an cur an sin a reir gnath glanaidh nan Iudhach, a chumadh a dhà no tri de thoimhsean gach aon.


Agus dhʼ fhas mi nas dìana ann an creideamh nan Iudhach na moran dhe mo chomhaoisean na mʼ chinneadh fhein, agus nas ro-eudmhoir air phailte mu bhial-aithrisean mʼ aithrichean.


Seallaibh nach meall duine air bith sibh le teallsanachd ʼs le cealgaireachd fhaoin, a reir bial-aithris dhaoine, a reir ciad ghnath an t-saoghail, ʼs cha n-ann a reir Chriosta:


A tuigsinn nach deach ur saoradh le nichean truaillidh, mar tha òr no airgiod, bho chaithe-beatha faoin beul-aithris ur n-aithrichean,


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan