Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 5:3 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

3 Aig an robh a thuineadh anns na h-uaighean, ʼs cha bʼurrainn do dhuine air bith a cheangal a nis, ged bʼ ann le slabhruidhean:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

3 Aig an robh a chòmhnaidh anns na h‑àitean-adhlaic; agus cha b’urrainn neach air bith a cheangal, eadhon le slabhraidhean:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

3 Aig an robh a chòmhnaidh anns na h‑àitean‐adhlaic; agus cha b’urrainn neach air bith a cheangal, eadhon le slabhraidhean:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

3 aig an robh a dhachaigh anns na tuaman, agus cha b' urrainn neach sam bith a cheangal tuilleadh, fiù 's le sèinichean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

3 's e a' tighinn on chladh far an robh e a' còmhnaidh. Cha chumadh duine sam bith ceangailte e, fiù 's le sèinichean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 5:3
6 Iomraidhean Croise  

ʼSa dol a mach as an eathar, ghrad-choinnich fear e a tighinn a mach as na h-uaighean anns an robh spiorad neoghlan,


Oir ged chaidh a cheangal gu tric le cuibhrichean, ʼs le slabhruidhean, bhrist e na slabhruidhean, ʼs bhruan e na cuibhrichean, agus cha bʼurrainn do dhuine air bith a cheannsachadh.


Oir thug e ordugh do ʼn spiorad neoghlan a dhol a mach as an duine. Oir bʼiomadh uair a ghlacadh e leis, agus bhathas ga cheangal le slabhruidhean, ʼs ga chumail le geimhlean; ʼsa bristeadh a chuibhrichean dhʼiomaineadh e leis an deomhan do dhʼ aiteachan fàs.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan