Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 2:2 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

2 Us chualas gun robh e san tigh, agus chruinnich moran, ionnus ʼs nach faigheadh iad fiu timchioll an doruis, us labhair e am facal riu.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

2 Agus air ball chruinnicheadh mòran an ceann a chèile, air chor is nach robh àit a chumadh iad, eadhon timcheall an dorais: agus labhair e am facal riu.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

2 Agus air ball chruinnicheadh mòran an ceann a chèile, air chor is nach robh àit a chumadh iad, eadhon timcheall an dorais: agus labhair e am facal riu.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

2 Chaidh mòran a chruinneachadh còmhla, air chor is nach robh an còrr àite ann, fiù 's aig an doras, agus bha e ag aithris an fhacail dhaibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

2 Chruinnich urad a dhaoine 's nach robh àite ann dhan chòrr, fiù 's man doras. Nuair a bha e a' toirt dhaibh a theachdaireachd,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 2:2
20 Iomraidhean Croise  

Us chaidh e mach a rithist gu taobh na mara; agus thainig an sluagh uile ga ionnsuidh, us theagaisg e iad.


Ach air dhasan dol a mach, thòisich e ri innse, ʼs ri sgaoileadh an sgeoil; air chor ʼs nach bʼurrainn e nis dol a stigh doʼn bhaile gu follaiseach, ach dhʼfhuirich e mach ann an aitean fàs, agus thionail iad as gach aite ga ionnsuidh.


Searmonaich am facal, bi dian an cothrom, ʼs an ana-cothrom: cronaich, earalaich, maoith leis a h-uile faighidin agus teagasg.


Ach ciod a tha an sgriobtur a g-radh? Tha am facal teann ort, ann do bhial, agus ann do chridhe: se so facal a chreidimh, a tha sinn a searmonachadh.


Ach air dhaibh dol tromh Phrigia ʼs dhuthaich Ghalatia, bhacadh dhaibh leis an Spiorad Naomh facal De a labhairt an Asia.


Agus sheol iad á sin do Antioch, as na liubhradh iad do ghrasan De thun na h-oibre, a choimhlion iad.


A nis shiubhail iadsan, a chaidh sgapadh leis a gheur-leanmhuinn a dhʼ eirich as leth Stephain, gu ruig Phenice, us Ciprus, us Antioch, gun am facal a labhairt ach ris na h-Iudhaich a mhain.


ʼ S gu deimhinn an deigh dhaibh fianuis a thoirt, us facal an Tighearna labhairt, thill iad gu Ierusalem, agus shearmonaich iad an soisgeul ann am moran de dhuchannan nan Samaritanach.


Agus air do dhʼanabharr sluaigh a bhith mun cuairt da, air dhoigh ʼs gun robh iad a saltairt air a cheile, thòisich e air radh ri dheisciopuil: Thugaibh an aire dhuibh fhein bho thaois-ghoirt nam Phairiseach, se sin cealgaireachd:


A nis se so an dubh-fhacal: An siol se facal De e.


Agus thachair an deigh sin, gun do thriall e feadh chaithrichean agus bhailtean, a searmonachadh ʼsa teagasg soisgeul rioghachd Dhe; ʼs na dhà-dhiag maille ris,


ʼS nuair a fhuair iad e, thuirt iad ris: Tha iad uile ga dʼ shireadh.


ʼS bha am baile uile air cruinneachadh aig an dorus.


ʼS an deigh do dhʼ Eoin a bhith air a liubhairt seachad, thainig Iosa do Ghalile, a searmonachadh soisgeul rioghachd Dhe,


ʼSa fosgladh a bheoil, theagaisg e iad, a g-radh:


ʼS air latha araid thachair, gun robh e ʼna shuidhe a teagasg. Agus ʼnan suidhe an sin mar an ciadna bha Phairisich agus ollamhan an lagha, a thainig as gach baile de Ghalile, ʼs de Iudéa, agus á Ierusalem: us bha feartan an Tighearna ann gus an leigheas.


ʼSa dol a mach, chunnaic Iosa moran sluaigh: agus ghabh e truas riu, a chionn gun robh iad mar chaoraich gun bhuachaill, agus thòisich e ri moran a theagasg dhaibh.


Agus chaidh e stigh a rithist do Chapharnaum an ceann beagan laithean.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan