Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 1:8 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

8 Bhaist mise sibh le uisge; ach baistidh esan sibh leis an Spiorad Naomh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

8 Bhaist mise gu dearbh sibh le uisge: ach baistidh esan sibh leis an Spiorad Naomh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

8 Bhaist mise gu dearbh sibh le uisge: ach baistidh esan sibh leis an Spiorad Naomh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

8 Bhaist mise sibh le uisge, ach baistidh esan sibh leis an Spiorad Naomh.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

8 Bhaist mise sibh le uisge, ach baistidh esan sibh leis an Spiorad Naomh.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 1:8
19 Iomraidhean Croise  

Tha mise gu dearbh gu ʼr baisteadh le uisge gu aithreachas: ach esan a thig am dheigh se is cumhachdaiche na mise, ʼs cha n-airidh mi air a bhrogan a ghiulan: baistidh esan sibh san Spiorad Naomh agus ann an teine.


Tha fear nas cumhachdaiche na mise tighinn am dheigh: neach nach airidh mise air cromadh sios us bariall a bhrogan fhuasgladh.


Us thachair, gun tainig Iosa anns na laithean sin bho Nasareth Ghalile; agus bhaisteadh e le Eoin an Iordan.


Fhreagair Eoin, a cantuinn riu uile: Tha mise gu dearbh gu ʼr baisteadh le uisge: ach thig nas treasa na mi, dha nach airidh mise air barr-iall a bhrog fhuasgladh: baistidh esan sibh leis an Spiorad Naomh ʼs le teine:


Agus fhreagair Eoin iad, a g-radh: Tha mise baisteadh le uisge: ach tha aon ʼna sheasamh ʼnur miadhon, nach aithne dhuibh.


Agus cha bʼ aithne dhomh e: ach esan a chuir mise a bhaisteadh le uisge, thuirt e rium: Esan air am faic thu an Spiorad a tearnadh ʼsa fantuinn air, se esan a bhaisteas leis an Spiorad Naomh.


Oir bhaist Eoin gu dearbh le uisge, ach baistear sibhse leis an Spiorad Naomh beagan laithean an deigh so.


Agus ghabh creidich an timchioll-ghearraidh a thainig comhla ri Peadar ioghnadh, gun deach grasan an Spioraid Naoimh a dhoirteadh air na cinnich mar an ciadna.


Agus tachraidh anns na laithean deireannach (os an Tighearna): taomaidh mi mach dhe mʼ Spiorad air a h-uile feoil; us ni ur mic agus ur nigheanan faisneachd, agus chi ur daoine oga seallaidhean, us bruadaraidh ur seann daoine bruadaran.


Agus lionadh iad uile leis an Spiorad Naomh, us thòisich iad air labhairt le ioma seorsa theangan, a reir ʼs mar thug an Spiorad Naomh dhaibh ri labhairt.


Oir anns an aon Spiorad bhaisteadh sinn uile gu aon chorp, co-dhiu is Iudhaich no cinnich, co-dhiu is daoranaich no saoranaich sinn; agus anns an aon Spiorad thugadh dhuinn ri ol.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan