Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 1:5 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

5 Agus chaidh duthaich Iudéa uile mach ga ionnsuidh, agus muinntir Ierusalem gu leir, us bhaisteadh iad leis ann an abhuinn Iordain a g-aideachadh am peacannan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

5 Agus chaidh a‑mach da ionnsaigh tìr Iudèa uile, agus luchd-àiteachaidh Ierusaleim, agus bhaisteadh leis iad uile ann an abhainn Iòrdain, ag aideachadh am peacaidhean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

5 Agus chaidh a‑mach da ionnsaigh tìr Iudèa uile, agus luchd‐àiteachaidh Ierusaleim, agus bhaisteadh leis iad uile ann an abhainn Iòrdain, ag aideachadh am peacaidhean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

5 Agus bha tìr Iudèa gu lèir agus na h‑Ierusalemich a' dol a‑mach thuige agus bha e gam baisteadh ann an abhainn Iòrdain, 's iad ag aideachadh am peacaidhean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

5 Chaidh a h‑uile duine ann an Iudèa 's ann an Ierusalem a‑mach far an robh e; bha iad ag aideachadh am peacaidhean 's bha esan gam baisteadh ann an abhainn Iòrdain.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 1:5
15 Iomraidhean Croise  

Agus lean cuideachda mhor e bho Ghalile, ʼs bho Dhecapolis, bho Ierusalem ʼs bho Iudéa, ʼs bho thaobh thall Iordain.


Bha Eoin anns an fhasach a baisteadh, ʼsa searmonachadh baisteadh an aithreachais gu mathanas pheacannan.


Agus bha Eoin air eideadh le fionnadh chamhal, us crios leathrach mu leasraidh; agus dhʼich e locuist us mil fhiadhaich. Agus shearmonaich e, a g-radh:


Rinneadh na nichean so ann am Bethania, air taobh thall Iordain, far an robh Eoin a baisteadh.


ʼS bha Eoin cuideachd a baisteadh ann an Ennon lamh ri Salim: a chionn ʼs gun robh moran uisge an sin, us thainig iad, agus bhaisteadh iad.


Bʼ esan lochran lasrach agus dealrach. Us bha sibhse deonach car seal air toileachadh a ghabhail ʼna sholus.


Us thainig moran chreideach, a g-aideachadh ʼsa g-innse an gniomhran.


Ach thuirt Peadar riu: Gabhaibh aithreachas, agus biodh gach aon agaibh air a bhaisteadh an ainm Iosa Criosta gu mathanas ur peacannan; agus gheobh sibh tiodhlac an Spioraid Naoimh.


Aidichibh uime sin ur peacannan dha cheile, agus guidhibh air son a cheile, los gum bi sibh sabhailte: oir is mor is fhiach buan-urnaigh an duine ionraice.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan