Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 1:2 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

2 Air reir ʼs mar tha e sgribhte san fhaidh Isaias: Seall, cuiridh mi mʼaingeal roimh do ghnuis, a reiticheas do shlighe romhad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

2 A rèir mar tha e sgrìobhte anns na fàidhean, Feuch, cuiridh mi mo theachdaire rod ghnùis, a dh’ullaicheas do shlighe romhad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

2 A rèir mar tha e sgrìobhte anns na fàidhean, Feuch, cuiridh mi mo theachdaire rod ghnùis, a dh’ullaicheas do shlighe romhad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

2 Dìreach mar a tha e sgrìobhte ann an Isaiah am fàidh: “Seall, tha mi a' cur mo theachdaire air thoiseach ort, a dh'ullaicheas do shlighe;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

2 Tha e air a sgrìobhadh ann an leabhar Isaiah am fàidh: “Seall, seo agad am fear a tha mi a' cur air thoiseach ort, agus nì e an rathad rèidh romhad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 1:2
13 Iomraidhean Croise  

Agus theirear riutsa, a leinibh, faidh an Tì is airde; oir theid thu roi ghnuis an Tighearna gu shlighean a reiteachadh.


Oir se so esan mu bheil e sgribhte: Fiach, tha mise cur mʼaingil romh do ghnuis, a reiticheas do rathad romhad.


(A reir ʼs mar a labhair e á bial fhaidhean naomh fhein, a bha ann bho thoiseach:)


An sin thuirt Iosa riu: Air an oidhche nochd gabhaidh sibh uile sgainneal asamsa. Oir tha e sgribhte: Buailidh mi am buachaille, agus sgapar caoraich na treuda.


An sin ghabh Iosa na dhà-dhiag ga ionnsuidh, us thuirt e riu: Seall, tha sinn a dol suas gu Ierusalem, agus coimhlionar a h-uile ni a sgriobhadh leis na faidhean mu Mhac an duine.


Tha Mac an duine ga rireamh a falbh, mar a tha e sgribhte uime: ach mo thruaighe an duine sin leis am brathar Mac an duine: bu mhath doʼn duine sin nach beirteadh e.


Us thuirt iad ris: Am Bethlehem Iuda: oir mar so chaidh a sgriobhadh leis an fhaidh:


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan