Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 7:3 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

3 ʼS nuair chual e mu Iosa, chuir e ga ionnsuidh seanairean nan Iudhach, a dhʼiarraidh air tighinn ʼsa sheirbhiseach a leigheas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

3 Agus nuair a chuala e mu Iosa, chuir e seanairean nan Iùdhach da ionnsaigh, a’ cur impidh air gun tigeadh e, agus gun lèighseadh e a sheirbhiseach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

3 Agus nuair a chuala e mu Iosa, chuir e seanairean nan Iùdhach da ionnsaigh, a’ cur impidh air gun tigeadh e, agus gun lèighseadh e a sheirbhiseach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

3 Nuair a chuala e mu Ìosa chuir e èildearan nan Iùdhach thuige, a' faighneachd dha an tigeadh e agus gun leighiseadh e a sheirbheiseach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 7:3
7 Iomraidhean Croise  

Agus nuair chaidh e stigh do Chapharnaum, thainig ceannard-ciad ga ionnsuidh a griosad air,


Agus aig ceannard-ciad araid bha seirbhiseach, a bha ro-mheasail aige, gu tinn, ʼs aig uchd bàis.


ʼS nuair thainig iad gu Iosa, ghuidh iad air gu durachdach, a g-radh ris: Is airidh e air thu so dhianamh dha:


Agus, seall, thainig duine, dha ʼm bʼainm Iairus, agus bha e ʼna riaghladair air an t-sinagog; us thuit e aig casan Iosa, a guidhe air, e thighinn gu thigh:


Agus, seall, dhʼeigh fear am measg an t-sluaigh, a g-radh: A mhaighistir, guidheam ort, seall air mo mhac, ʼs gur e mʼ aon mhac e.


Nuair chual esan gun robh Iosa air tighinn bho Iudéa do Ghalile, chaidh e ga ionnsuidh, agus ghuidh e air gun rachadh e sios agus a mhac a leigheas: oir bha e ri uchd bàis.


Tha mi guidhe ort air son mo mhic Onesimus, a ghineadh dhomh na mʼ shlabhruidhean,


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan