Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 7:2 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

2 Agus aig ceannard-ciad araid bha seirbhiseach, a bha ro-mheasail aige, gu tinn, ʼs aig uchd bàis.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

2 Agus bha seirbhiseach ceannaird-ceud àraidh, a b’ionmhainn leis, gu tinn agus ri uchd bàis.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

2 Agus bha seirbhiseach ceannaird‐ceud àraidh, a b’ionmhainn leis, gu tinn agus ri uchd bàis.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

2 A‑nis bha seirbheiseach aig ceannard‑ceud, dhan robh spèis mhòr aige, tinn agus ri uchd bàis.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 7:2
24 Iomraidhean Croise  

A nis nuair a chunnaic an ceannard-ciad, us iadsan a bha cuide ris, a cumail faire air Iosa, a chrith-thalmhuinn ʼs na nichean a thachair, ghabh iad eagal mor, a g-radh: Gu firinneach bʼe so Mac Dhe.


A nis an ceannard-ciad a faicinn ciod a thachair, thug e gloir do Dhia, a g-radh: Gu dearbh bu duine ionraic e so.


ʼS nuair a chriochnaich e na briathran sin uile ann an eisdeachd an t-sluaigh, chaidh e stigh do Chapharnaum.


ʼS nuair chual e mu Iosa, chuir e ga ionnsuidh seanairean nan Iudhach, a dhʼiarraidh air tighinn ʼsa sheirbhiseach a leigheas.


Oir bha an aon nighean a bhʼaige, ʼs i teann air dà bhliadhna dhiag, a faighinn a bhàis. Us thachair, ʼs e triall, gun robh e air a theannachadh leis an t-sluagh.


Agus bha duine araid ann an Cesaréa, dha ʼm bʼ ainm Cornelius, ceannard-ciad na buidhne, ris an abrar Eadailteach,


ʼS nuair a dhʼ fhalbh an t-aingeal a labhair ris, ghairm e dithis de fhir-muinntir a thighe, agus saighdear anns an robh eagal an Tighearna, dhiusan a bha fo ʼriaghladh.


Nuair chual an ceannard-ciad so, chaidh e thun an ard-cheannaird, us dhʼ innis e dha, a g-radh: Ciod a tha thu dol a dhianamh? oir is saor Romanach an duine so.


An sin ghairm Pol a h-aon de na ceannardan-ciad, us thuirt e: Thoir an t-oganach so gus an t-ard-cheannard: oir tha rudeigin aige ri innseadh dha.


ʼS nuair shuidhicheadh gun seoladh Pol do ʼn Eadailte, ʼs gun rachadh a liubhairt maille ris na priosanaich eile do cheannard-ciad dha ʼm bʼ ainm Iulius, de chuideach da Augustuis,


ʼS an ath latha thainig sinn do Shidon. Agus Iulius a gabhail le caoimhneas ri Pol, leig e leis dol gu chairdean, ʼsa bhith air a churam fhein.


Ach an ceannard-ciad, ʼs e an geall air Pol a thiarnadh, bhac e so dhianamh; us dhʼ orduich e dha ʼn fheadhainn dha ʼm bʼ aithne snamh iad fhein a thilgeadh sa mhuir an toiseach, ʼs tàrsuinn as, agus tir a chosnadh;


A sheirbhisich, bithibh umhailt anns a h-uile ni dha ʼr maighistirean a reir na feola, cha n-ann le seirbhis-shula, mar a toileachadh dhaoine, ach le aon-fhillteachd cridhe, ann an eagal De.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan