Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 3:3 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

3 Agus thainig e do ʼn duthaich sin uile mun cuairt Iordain, a searmonachadh baisteadh a pheanais air son mathanas pheacannan,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

3 Agus thàinig e don dùthaich mu thimcheall Iòrdain, a’ searmonachadh baisteadh an aithreachais, a‑chum maitheanas pheacaidhean;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

3 Agus thàinig e don dùthaich mu thimcheall Iòrdain, a’ searmonachadh baisteadh an aithreachais, a‑chum maitheanas pheacaidhean;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

3 Agus chaidh e dhan sgìre mu thimcheall Iòrdain gu lèir, a' searmonachadh baisteadh an aithreachais, airson mathanas pheacaidhean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 3:3
12 Iomraidhean Croise  

Tha mise gu dearbh gu ʼr baisteadh le uisge gu aithreachas: ach esan a thig am dheigh se is cumhachdaiche na mise, ʼs cha n-airidh mi air a bhrogan a ghiulan: baistidh esan sibh san Spiorad Naomh agus ann an teine.


Us tionndaidhidh e moran de chloinn Israil ris an Tighearna an Dia;


Gu eolas an t-sabhalaidh a thoirt dha phobull, gu mathanas am peacannan:


Agus thill Iosa bho Iordan lan deʼn Spiorad Naomh; agus ghluaiseadh leis an Spiorad e do ʼn fhasach.


Rinneadh na nichean so ann am Bethania, air taobh thall Iordain, far an robh Eoin a baisteadh.


Agus thainig iad gu Eoin, us thuirt iad ris: A Rabbi, seall, tha esan, a bha comhla riut air taobh thall Iordain, ʼs air an tug thu fianuis, a baisteadh, agus tha daoine uile a tighinn ga ionnsuidh.


An deigh do Eoin, roimh a thighinn-sa, baisteadh an aithreachais a shearmonachadh do shluagh Israil uile.


An sin thuirt Pol: Bhaist Eoin sluagh le bqisteadh an aithreachais, a g-radh, iad a chreidsinn annsan, a bha gu tighinn ʼna dheigh, se sin, ann an Iosa.


Agus a nis car-son a tha thu dianamh moille? Eirich, ʼs bi air do bhaisteadh, agus nigh dhiot do pheacannan a gairm air ainmse.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan