Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 10:6 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

6 ʼS ma tha mac na sithe an sin, laidhidh ur sith air: ʼs mur eil, tillidh i h-ugaibh fhein.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

6 Agus ma bhios mac na sìthe an sin gabhaidh ur sìth còmhnaidh air: ach mura bi, tillidh ur sìth dur n‑ionnsaigh fhèin a‑rìs.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

6 Agus ma bhios mac na sìthe an sin gabhaidh ur sìth còmhnaidh air: ach mura bi, tillidh ur sìth dur n‑ionnsaigh fhèin a‑rìs.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

6 Agus ma bhios mac sìthe an sin, nì ur sìth tàmh air. Ach mura bi, tillidh ur sìth air ais thugaibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 10:6
11 Iomraidhean Croise  

Tigh air bith anns an teid sibh a stigh, abraibh an toiseach: Sith do ʼn tigh so:


Agus fanaibh san tigh sin, a g-iche ʼsa g-ol leithid ʼsa thʼaca: oir is fhiach an cosnach a thuarasdal. Na falbhaibh bho thigh gu tigh.


Na mealladh aon air bith sibh le cainnt fhaoin: oir as leth so tha fearg Dhe a tighinn air cloinn a mhi-chreidimh.


A nis gum bʼ e Tighearna na sithe e fhein, a bheir sith bhith-bhuan dhuibh anns gach aite. Gum bʼ e an Tighearna a bhios maille ribh uile.


Us tha toradh a cheartais air a chur ann an sith do luchd-dianamh na sithe.


Mar chloinn na h-umhlachd, gun a bhith air ur cumadh ri tograichean ur n-aineolais roimh so:


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan