Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 10:39 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

39 Agus bha piuthar aice, air an robh Mairi, a bha fantuinn ʼna suidhe aig casan an Tighearna, a g-eisdeachd ri fhacal.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

39 Agus bha piuthar aice den goirte Muire, a shuidh aig casan Iosa, agus a bha ag èisdeachd a fhacail.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

39 Agus bha piuthar aice den goirte Muire, a shuidh aig casan Iosa, agus a bha ag èisdeachd a fhacail.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

39 Agus bha piuthar aice air an robh an t‑ainm Màiri, a shuidh aig casan Ìosa is a dh'èist ri fhacal.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 10:39
11 Iomraidhean Croise  

Us chaidh iad a mach a choimhead ciod a rinneadh, agus thainig iad gu Iosa; agus fhuair iad an duine, as an dʼfhalbh na deomhain, ʼna shuidhe aig a chasan, ʼna aodach us ceart ʼna inntinn, agus ghabh iad eagal.


Uime sin ghabh Mairi punnd de dhʼ ola spiocnaird ro luachmhor, agus dhʼ ung i casan Iosa, us shuath i chasan le ʼfalt; agus lionadh an tigh le deagh fhaile na h-ola.


Us thuirt e: Is Iudhach mise a rugadh ann an Tarsus Chilicia, ach a chaidh àrach sa bhaile so, air mʼ fhaghlum aig casan Ghamalieil a reir firinn lagh nan aithrichean, eudmhor mu ʼn lagh, mar a tha sibh fhein uile an diugh;


ʼS an ceann thri latha, thachair gun dʼ fhuair iad e san teampull, ʼna shuidhe am miadhon nan ollamh gan eisdeachd, ʼsa cur cheisd orra.


A nis bha duine araid tinn, air an robh Lasarus, bho Bhethania, bho bhaile Mairi agus Marta, a piuthar.


Ach tha aon ni riatanach. Thagh Mairi a chuid is fhearr, nach toirear bhuaipe.


ʼS bha moran de na h-Iudhaich air tighinn gu Marta, ʼs gu Mairi, gu furtachd a thoirt dhaibh a thaobh am brathar.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan