Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 10:2 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

2 Us thuirt e riu: Tha ʼm faghar gu dearbh mor, ach an luchd-oibre gann. Guidhibh ma ta air Tighearna an fhaghair luchd-oibre a chur gu fhaghar fhein.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

2 Air an adhbhar sin thubhairt e riu, Tha am fogharadh gu fìrinneach mòr, ach tha an luchd-obrach tearc: guidhibh uime sin air Tighearna an fhogharaidh luchd-obrach a chur a‑mach a‑chum a fhogharaidh fhèin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

2 Air an adhbhar sin thubhairt e riu, Tha am fogharadh gu fìrinneach mòr, ach tha an luchd‐obrach tearc: guidhibh uime sin air Tighearna an fhogharaidh luchd‐obrach a chur a‑mach a‑chum a fhogharaidh fhèin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

2 Thuirt e riutha, “Gu dearbh tha am fogharadh mòr, ach tha an luchd‑obrach gann. Guidhibh, mar sin, gun cuir Tighearna an fhogharaidh luchd‑obrach a‑mach dhan fhogharadh aige fhèin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 10:2
48 Iomraidhean Croise  

Tha rioghachd fhlathanais coltach ri fear-tighe, a chaidh a mach much sa mhaduinn a thuarasdalachadh luchd-oibre gu ghàradh-fiona.


Mar dhuine a dol fad air astar a dhʼ fhag a thigh, ʼsa thug cumhachd dha sheirbhisich thairis air gach obair, ʼsa dhʼ àithn air an dorsair faire dhianamh.


Us thuirt e riu: Falbhaibh feadh an t-saoghail gu leir, agus searmonaichibh an soisgeul doʼn h-uile creutair.


Agus chaidh iadsan a mach, agus shearmonaich iad anns gach aite, an Tighearna a co-oibreachadh leo, ʼsa daingneachadh an fhacail leis na comharran a lean.


An sin a gairm ri cheile an dà ostal dhiag, thug e cumhachd agus ughdaras dhaibh thairis air na deomhain gu leir, us air easlaintean a leigheas.


A nis shiubhail iadsan, a chaidh sgapadh leis a gheur-leanmhuinn a dhʼ eirich as leth Stephain, gu ruig Phenice, us Ciprus, us Antioch, gun am facal a labhairt ach ris na h-Iudhaich a mhain.


ʼS nuair a bha iad a frithealadh do ʼn Tighearna, ʼsa trasgadh, thuirt an Spiorad Naomh riu: Cuiribh Saul ʼs Barnabas air leth dhomh air son na h-oibre, gus na shonraich mi iad.


Us chaidh iadsan, ʼs iad air an cur air an adhart mar so leis an Spiorad Naomh, do Sheleucia, agus á sin sheol iad gu Ciprus.


Seallaibh ribh fhein ʼs ris an treud uile, air na shuidhich an Spiorad Naomh sibh ʼnur n-easbuigean gu riaghladh eaglais De, a cheannaich e le fhuil fhein.


Us thuirt e rium: Bi falbh: oir cuiridh mi thu thun nan cinneach a tha an cein.


Chaidh iadsan ma ta, a sgapadh, mun cuairt a searmonachadh facal De.


Agus gu fior shuidhich Dia teadhainn anns an eaglais, ostail an toiseach, san ath aite faidhean, san treas aite ollamhan, an deigh sin miarailtean, an sin grasan leighis, luchd-cobhair, uachdranachd, ioma gné theanganan, eadar-mhineachadh bhriathran.


Ach le grasan De is mi an ni is mi, ʼs cha robh a ghrasan gun bhuil unnam, ach dhʼ oibrich mi na bu mhuà air phailte na iad uile: cha mhise gu dearbh, ach grasan De maille rium:


Mar luchd-cuideachaidh ma ta tha sinn gu ʼr brosnachadh, nach gla sibh grasan De gu diomhain.


Oir tha iad uile g-iarraidh nan nichean is leo fhein, cha n-iad nan nichean is le Iosa Criosta.


Ach chunnaic mi iomchuidh Epaphroditus, mo bhrathair, mo cho-oibriche, ʼs mo cho-shaighdear, agus ur n-ostal-sa, agus fear-frithealaidh mʼ uireasuidh, a chur gu ʼr n-ionnsuidh:


A thaobh gur h-ann as leth obair Chriosta a thainig e gu uchd a bhàis, a toirt seachad a bheatha, los na bha dhith air ur dleasnas domhsʼ a choimhlionadh.


ʼSann ri so a tha mi saothrachadh, a stri air reir oibre-san, a tha e g-oibreachadh unnam le cumhachd.


Tha Epaphras a cur bheannachd h-ugaibh, fear dhibh fhein, seirbhiseach Iosa Criosta, a tha daonnan curamach as ur leth ʼna urnaighean, gun seas sibh coimhlionta, agus iomlan ann an uile thoil De.


Oir tha cuimhne agaibh, a bhraithrean, air ar saothair, ʼs air ar sgios, a g-obair a dhʼ oidhche ʼsa latha, air eagal a bhith cur eallaich air aon agaibh, theagaisg sinn ʼnur measg soisgeul De.


ʼS tha sinn a guidhe oirbh, a bhraithre, meas a bhith agaibh orrasan, a tha ri saothair ʼnur measg, agus a tha thairis oirbh anns an Tighearna, agus gu ʼr comhairleachadh,


A bharrachd air so, guidhibh air ar son-ne, a bhraithrean, gu facal De a ruith, ʼsa bhith air a ghlorachadh, amhuil mar a tha e ʼnur measgsa,


Air son so ma ta tha sinn ri saothair, ʼs thathas ga ʼr càineadh, a chionn gum beil ar dochas anns an Dia bheo, Slanair dhaoine gu leir, ʼs nan creideach gu h-àraid.


Ach bi-sa furachail, ri saothair anns gach cuis, dian gniomh soisgeulaiche, coimhlion do dhriachd. Bi stuama.


Pol, priosanach Iosa Criosta, us Timoti, brathair, gu Philemon gradhach agus ar co-oibriche,


Ach bha Criosta mar mhac ʼna thigh fhein: agus is sinne an tigh sin, ma chumas sinn gu teann earbsa agus gloir an dochais gus a chrioch.


Sgriobh gu aingeal eaglais Ephesuis: So na nichean, a tha esan, a tha cumail nan seachd reultan ʼna laimh dheis, a tha g-imeachd am miadhon nan seachd coinnleirean òir, a g-radh:


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan