Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 10:11 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

11 Gu ruig duslach ur bail e a lean ruinn, tha sinn ga chrathadh dhinn ʼnur n-aghaidh: ach bithibhse cinnteach dhe so, gun tainig rioghachd Dhe faisg dhuibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

11 Eadhon duslach ur baile a lean rinn, tha sinn a’ glanadh dhinn nur n‑aghaidh-se; gidheadh, biodh fhios seo agaibh gun do dhruid rìoghachd Dhè ribh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

11 Eadhon duslach ur baile a lean rinn, tha sinn a’ glanadh dhinn nur n‑aghaidh‐se; gidheadh, biodh fhios seo agaibh gun do dhruid rìoghachd Dhè ribh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

11 ‘Fiù 's dust ur baile a leanas ri ar casan tha sinn a' suathadh dhinn nur n‑aghaidh‑se. A dh'aindeoin sin, biodh fios agaibh gu bheil rìoghachd Dhè air tighinn faisg oirbh.’

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 10:11
16 Iomraidhean Croise  

Us co sam bith nach gabh ribh, no nach eisd riʼr briathran; a dol a mach as an tigh, no as a bhaile sin, crathaibh an duslach dheʼr casan.


Agus air ur siubhal, searmonaichibh, a g-radh: Tha rioghachd fhlathanais faisg.


ʼSa g-radh: Dianaibh aithreachas: oir tha rioghachd fhlathanais faisg.


Agus co air bith nach dian ur beatha, ʼs nach eisd ribh, a falbh á sin, crathaibh an duslach dhe ʼr casan mar theisteanas ʼnan aghaidh.


Ach baile air bith anns an teid sibh a stigh, agus anns nach gabh iad ribh, a gabhail a mach gu sthraidean, abraibh:


Agus leighisibh na h-easlaintich a tha an sin, us abraibh riu: Tha rioghachd Dhe air tighinn dluth oirbh.


Agus co sa bith nach gabh ribh, air dhuibh dol a mach as a bhaile sin, crathaibh dhibh duslach ur casan, mar theisteanas ʼnan aghaidh.


Fheara ʼsa bhraithre, a chlann-stuic Abrahaim, ʼs gach aon ʼnur measg anns a bheil eagal De, ʼsann gu ʼr n-ionnsuidhse chaidh facal an t-sabhalaidh so a chur.


Thugaibh an aire ma ta nach eirich dhuibh na chaidh innse leis na faidhean:


An sin thuirt Pol us Barnabas gu misneachail: ʼSann dhuibhse a thigeadh oirnn facal De a labhairt an toiseach: ach a chionn gum beil sibh ga dhiultadh, ʼs gu ʼr meas fhein neo-thoillteanach air beatha shiorruidh, seall, tha sinn a tionndadh ris na cinnich.


Ach chrath iadsan duslach an cas ʼnan aghaidh, agus thainig iad gu Iconium.


Ach tha e g-radh ri Israel: Fad an latha shìn mi mach mo lamhan do phobull nach eil a creidsinn, ʼsa tha cur am aghaidh.


Ach ciod a tha an sgriobtur a g-radh? Tha am facal teann ort, ann do bhial, agus ann do chridhe: se so facal a chreidimh, a tha sinn a searmonachadh.


Agus bhon is e dearrsadh a ghloir us dealbh a shusbuinn, ʼs e cumail suas gach ni le facal a chumhachd, a glanadh air falbh pheacannan, a tha ʼna shuidhe air laimh dheis na moralachd anns na h-ardaibh:


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan