Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Lùcas 1:3 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

3 Chunnacas iomchuidh leamsa cuideachd, ʼs mi air faotuinn a mach gu dichiollach gach ni bho thoiseach, an sgriobhadh an ordugh dhut, a Theophiluis urramaich,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

3 Chunnacas iomchaidh dhòmhsa mar an ceudna, a Theophiluis ro‑òirdheirc, air faotainn dearbh fhios nan uile nithean dhomh on fhìor thoiseach, sgrìobhadh ad ionnsaigh-sa ann an òrdagh,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

3 Chunnacas iomchaidh dhòmhsa mar an ceudna, a Theophiluis ro‑òirdheirc, air faotainn dearbh fhios nan uile nithean dhomh on fhìor thoiseach, sgrìobhadh ad ionnsaigh‐sa ann an òrdagh,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

3 chunnaic mise iomchaidh e cuideachd – on a rannsaich mi a h‑uile rud gu mionaideach on toiseach – eachdraidh òrdail a sgrìobhadh dhut, a Theophiluis as uaisle,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Laoidhean o na Sgriobtaran Naomha 1987

3 Feuch, dh'fhoillsich Dia a ghàirdean treun. an t‑uaibhreach thrèig e tur; Luchd‑àrdain thilg on cathair‑rìgh, 's an t‑ìosal thog on dus.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Lùcas 1:3
17 Iomraidhean Croise  

Bho na ghabh moran fos laimh na nichean, a choimhlionadh ʼnar measgne, a sgriobhadh sios an ordugh:


Rinn mi chiad leabhar, O Theophiluis, mu na nichean uile, a thòisich Iosa ri dhianamh ʼs ri theagasg,


Ach thòisich Peadar, agus mhinich e dhaibh ann an ordugh, a g-radh:


Air an aobhar sin tha mise toirt breth, nach eil dragh ri chur orrasan, a tha air tionndadh ri Dia, de na cinnich:


Chunnacas iomchuidh leinne, air dhuinn a bhith cruinn a dhʼ aon bheachd, daoine a thaghadh, ʼs an cur gu ʼr n-ionnsuidh maille ri Barnabas us Pol, a tha ro ionmhuinn leinn,


Oir chunnacas ceart leis an Spiorad Naomh agus leinne, gun tuilleadh eallaich a leagadh oirbh, ach na nichean riatanach so:


Agus an deigh dha cuid de dhʼ uine a chaithe an sin, dhʼ fhalbh e, a siubhal ann an ordugh tromh dhuthaich Ghalatia us Phrigia, a daingneachadh nan deisciopul uile.


Us sgriobh e litir anns an tuirt e mar so: Tha Claudius Lisias a cur bheannachd thun an uachdrain ro urramach Felics.


Is nichean so ris a bheil sinn daonnan agus anns gach aite a gabhail, Fhelics ro urramach, leis a h-uile taingealachd.


Us thuirt Pol: Cha n-eil an caothach orm, Fhestuis ro urramach, ach tha mi labhairt facail na firinn ʼs na measarrachd.


A thaobh ar brathar Apollo, tha mi toirt dhuibh ri thuigsinn, gun do ghrios mi gu cruaidh air, e thighinn gu ʼr n-ionnsuidh comhla ris na braithrean; ʼs gu deimhinn cha robh e idir toileach air tighinn san àm so: ach thig e nuair a gheobh e cothrom.


Ach bithidh i nas beannaichte ma dhʼfhuiricheas i mar a tha i, a reir mo chomhairle-sa: agus tha mi am beachd gum beil Spiorad Dhe agam.


Le cur nan nichean so air shuilean do na braithrean, bithidh tu ad dheagh fhear-muinntir Iosa Criosta, air tʼ àrach le briathran a chreidimh, ʼs leis an deagh theagasg a bhuannaich thu.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan