Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Eabhraidhich 9:9 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

9 Ni tha ʼna shamhla air an àm tha nis a lathair: anns am beil tiodhlaicean us iobairtean ga ʼn tairgse suas, nach urrainn a chogais-san, a tha ga ʼn tairgse, a dhianamh coimhlionta, ʼs nach eil ach ʼnam biadhan ʼs ʼnan deochan,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

9 Nì a bha na shamhladh don aimsir a tha an làthair, anns an robh araon tìodhlacan agus ìobairtean air an toirt suas, nach robh comasach air an tì a bha a’ dèanamh na seirbhis sin a dhèanamh coileanta, a‑thaobh a chogais,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

9 Nì a bha na shamhladh don aimsir a tha an làthair, anns an robh araon tìodhlacan agus ìobairtean air an toirt suas, nach robh comasach air an tì a bha a’ dèanamh na seirbhis sin a dhèanamh coileanta, a‑thaobh a chogais,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

9 'S e samhladh a tha seo airson an ama seo, anns a bheil tiodhlacan 's ìobairtean air an tairgsinn nach urrainn dhan fhear‑adhraidh a dhèanamh foirfe a thaobh a chogais.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Eabhraidhich 9:9
16 Iomraidhean Croise  

Ach righich am bàs bho Adhamh gu Maois orrasan cuideachd nach do pheacaich a reir coltas cionta Adhamh, a tha ʼna shamhla air-san a bha ri tighinn.


An robh an lagh ma ta an aghaidh geallaidhnean Dhe? Fada bho sin. Oir nan tugteadh lagh seachad a bʼ urrainn beatha thoirt, gu deimhinn ʼsann bho ʼn lagh a bhiodh ceartas.


ʼS gu dearbh tha h-uile sagart ʼna sheasamh gach latha a frithealadh, ʼs tric a tairgse nan iobairtean ciadna, nach urrainn am feasd peacannan a thoirt air falbh:


A smaoineachadh gum beil Dia comasach air togail, seadh fhein, bho na mairbh: bho ʼn dʼ fhuair e e cuideachd mar shamhladh.


Oir tha h-uile ard-shagart air a thoirt á measg dhaoine, agus air orduchadh air son dhaoine anns na nichean a tha a thaobh Dhe, gu tobhartasan agus iobairtean a thairgse suas air son pheacannan:


Ma bha coimhliontachd ma ta ri faighinn leis an t-sagartachd lebhiteach (oir ʼsann foipe a fhuair am pobull an lagh), ciod am feum tuilleadh air sagart eile eirigh a reir ordugh Mhelchisedeic, ʼs nach biodh air a ghairm a reir ordugh Aaroin?


Nam biodh e ma ta air talamh, cha bhiodh e ʼna shagart: bhon a bhiodh feadhainn eile ann gu tobhartasan a thairgse suas a reir an lagha,


Oir cha n-ann do Ionad-naomh diante le lamhan, a chaidh Iosa stigh, samplair air an fhior Ionad-naomh: ach do neamh fhein, los gun seas e nis an lathair Dhe air ar son-ne:


ʼS ri dearbh choltas so tha am baisteadh a nis gu ʼr sabhaladh-sa: cha n-ann le toirt air falbh sailche na feola, ach le dearrsachadh deagh chogais an lathair Dhe tromh aiseirigh Iosa Criosta,


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan