Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Eabhraidhich 2:3 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

3 Ciamar a bhios dol as againn, ma ni sinn dearmad air sabhaladh cho mor? a chaidh innse an toiseach leis an Tighearna, ʼsa chaidh dhaingneachadh dhuinn leo-san a chuala e,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

3 Cionnas a thèid sinne as, ma nì sinn dìmeas air slàinte cho mòr, a thòisich air tùs air a bhith air a labhairt leis an Tighearna, agus a rinneadh dearbhte dhuinne leòsan a chuala e;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

3 Cionnas a thèid sinne as, ma nì sinn dìmeas air slàinte cho mòr, a thòisich air tùs air a bhith air a labhairt leis an Tighearna, agus a rinneadh dearbhte dhuinne leòsan a chuala e;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

3 ciamar a gheibh sinn dol‑às ma nì sinn dearmad air sàbhaladh cho mòr? Às dèidh dha a bhith air aithris leis an Tighearna, chaidh a dhaingneachadh dhuinn leothasan a chuala e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Eabhraidhich 2:3
42 Iomraidhean Croise  

Faicibh nach diult sibh esan a tha labhairt. Oir mur do thàr iadsan as, a dhiult esan a labhair air talamh, ʼs mor nas lugha na sin a thàras sinne as, a tha tionndadh bhuaithe-san, a tha labhairt ruinn bho fhlathanas.


ʼS am beil thusa an duil, O dhuine, a tha toirt breth orrasan a tha dianamh an leithidean sin, ʼs tu fhein gan dianamh, gun tàr thu as bho bhreitheanas De?


ʼS an deigh dha criochnachadh, bha e ʼna aobhar sabhalaidh shiorruidh dhaibh-san uile, a tha umhailt dha,


ʼS cha n-eil sabhaladh ann an neach air bith eile. Oir cha n-eil ainm air bith eile fo neamh air a thoirt do dhaoine, leis am faod sinn a bhith sabhailte.


Greasamaid oirnn ma ta gu dol a stigh do ʼn fhois sin: air eagal gun tuit neach air bith ann an samhladh a mhi-chreidimh chiadna.


Mu dheireadh uile labhair e ruinne anns na laithean so le Mhac, a dhʼ orduich e ʼna oighre air a h-uile ni, ʼs leis an dʼ rinn e an saoghal cuideachd:


Air reir ʼs mar a dhʼinnseadh dhuinn leis an fheadhainn a bha ann bho thoiseach ʼnam fianuisean ʼs ʼnan luchd-frithealaidh doʼn fhacal:


Agus dhʼ eigh iad le guth ard, a g-radh: Slainte dhaʼr Dia-ne, a tha ʼna shuidhe air a chathair, agus doʼn Uan.


Oir nochdadh grasan De ar Slanair do dhaoine uile,


Is facal firinneach so, is fhiach a chreidsinn le uile dhaoine: gun tainig Iosa Criosta thuu an t-saoghail so gu peacaich a shabhaladh, agus is mise an ceann-feadhna:


A nathraiche, a ghineil nan nathraichean, ciamar a sheachnas sibh binn iutharna?


Bithemid fo fhiamh ma ta, air eagal, le gealltanas dol a stigh gu fhois a threigsinn, gun saoilear gum biodh a h-aon air bith agaibh a dhʼ easbhuidh.


Sibhse, fheara Israil, eisdibh ris na facail so: Iosa bho Nasareth, duine taitneach le Dia ʼnur measg, leis na miarailtean, ʼs na beartan iongantach, ʼs na comharraidhnean a rinn Dia leis ʼnur measg, mar tha fios agaibhse;


A tòiseachadh aig baisteadh Eoin, gus an latha air na thogadh bhuainn e, a dhianamh ʼna fhianuis comhla ruinne air ʼaiseirigh.


Us bheir sibhse teisteanas: a chionn gum beil sibh maille rium bho thoiseach.


Thuirt e riu: Ciod? Us thuirt iad: Mu Iosa bho Nasaret, a bha ʼna fhaidh, cumhachdach ann an gniomh ʼs am facal an lathair Dhe agus dhaoine uile;


ʼS an deigh do dhʼ Eoin a bhith air a liubhairt seachad, thainig Iosa do Ghalile, a searmonachadh soisgeul rioghachd Dhe,


Oir nuair a their iad: Sith agus tiaruinteachd, an sin thig grad sgrios orra, mar shaothair oirre-sa, a tha leth-tromach, ʼs cha bhi dol as aca.


ʼS gun do thog e adharc shabhalaidh dhuinn an tigh Dhài a sheirbhiseach:


Bhoʼn àm sin thòisich Iosa ri teagasg, ʼs ri radh: Dianaibh peanas, oir tha rioghachd De faisg.


Fiach am brosnaich mi air sheol sa bith luchd-mʼ fheola fhein gu eud, ʼs gun sabhail mi cuid dhiu.


Oir a chionn, ann an gliocas De, nach bʼ aithne do ʼn t-saoghal Dia tromh ghliocas, dheonaich Dia le aimideachd an teagaisg na creidich a shabhaladh.


Dia, a labhair air iomadh àm, ʼs air iomadh seol, bho shean ris na h-aithrichean leis na faidhean:


Nach spioraid-fhrithealaidh iad uile, air an cur a fhrithealadh dhaibh-san, a ghlacas oighreachd an t-sabhalaidh?


Mar sin cuideachd chaidh Criosta thairgse suas aon uair gu peacannan morain a ghlanadh air falbh: an ath uair gun pheacannan fiachaidh e e fhein dhaibh-san, a tha an duil ris, gu sabhaladh.


An ni bhʼ ann bho thoiseach, a chuala sinn, a chunnaic sinn le ʼr suilean, air an dʼ amhairc sinn, ʼsa laimhsich ar lamhan mu fhacal na beatha:


Ach bithibhse, a luchd mo mhor ghraidh, cuimhneach air na facail a chaidh a radh ribh roimh le ostail ar Tighearna Iosa Criosta,


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan