Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Eabhraidhich 1:3 - Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

3 Agus bhon is e dearrsadh a ghloir us dealbh a shusbuinn, ʼs e cumail suas gach ni le facal a chumhachd, a glanadh air falbh pheacannan, a tha ʼna shuidhe air laimh dheis na moralachd anns na h-ardaibh:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

3 Neach air a bhith dha na dhealradh a ghlòire-san, agus na fhìor ìomhaigh a phearsa, agus a’ cumail suas nan uile nithean le facal a chumhachd, nuair a ghlan e ar peacaidhean troimhe fhèin, shuidh e air deas-làimh na mòrachd anns na h‑àrdan:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

3 Neach air a bhith dha na dhealradh a ghlòire‐san, agus na fhìor ìomhaigh a phearsa, agus a’ cumail suas nan uile nithean le facal a chumhachd, nuair a ghlan e ar peacaidhean troimhe fhèin, shuidh e air deas‐làimh na mòrachd anns na h‑àrdan:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

3 Is esan deàrrsadh a ghlòir‑san agus fìor ìomhaigh a shusbaint, a' cumail suas a h‑uile sìon le facal a chumhachd, às dèidh dha peacaidhean a ghlanadh air falbh, shuidh e air deas‑làimh na mòrachd sna h‑àrdan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Eabhraidhich 1:3
42 Iomraidhean Croise  

A g-radh: A Mhaighistir, thuirt Maois; Ma gheobh duine bàs gun chloinn aige, posadh a bhrathair a bhean aige, agus togadh e sliochd dha bhrathair.


Agus an deigh doʼn Tighearna Iosa labhairt riu, thogadh suas e gu neamh, agus tha e ʼna shuidhe air laimh dheis De.


Us ghabh am Facal feoil, us rinn e comhnuidh ʼnar measg: us chunnaic sinn a ghloir, mar ghloir aonghin an Athar, lan ghras agus firinn.


Air an ath latha chunnaic Eoin Iosa a tighinn ga ionnsuidh, us thuirt e: Seall uan De, seall esan a tha toirt air falbh peacadh an t-saoghail.


Annsan bha a bheatha, ʼs bʼ i a bheatha solus dhaoine:


Uime sin le esan a bhith air ardachadh le laimh dheis De, agus air faighinn bho ʼn Athair gealltanas an Spioraid Naoimh, thaom e mach so, a tha sibhse a faicinn ʼsa cluinntinn.


Agus iadsan, a g-eigheach le guth ard, dhuin iad an cluasan, ʼsa dhʼ aon run leum iad air ʼnan deann.


Oir cha n-eil mi gabhail nàire as an t-soisgeul. Oir se cumhachd Dhe e gu sabhaladh a h-uile h-aon a chreideas, an t-Iudhach an toiseach, ʼs an sin an Greigeach.


Co e a dhiteas? Iosa Criosta, a fhuair bàs, seadh, a dhʼ eirich a rithist, a tha air deas laimh Dhe, a tha dianamh eadar-ghuidhe air ar son.


Anns an do dhall dia an t-saoghail so inntinnean nam mi-chreideach, gus nach dearrsadh orra solus soisgeil gloir Chriosta, agus is esan iomhaigh Dhe.


Uime sin ma dhʼ eirich sibh maille ri Criosta, iarraibh na nichean a tha shuas, far a bheil Criosta ʼna shuidhe air deas laimh Dhe;


A thug e fhein seachad air ar son, los gun saoradh e sinn bho ʼn h-uile olc, ʼs gun glanadh e dha fhein pobull taitneach, luchd-leanmhuinn dheagh oibrichean.


Ach co de na h-ainglean ris an tuirt e uair air bith: Suidh thusa air mo laimh dheis, gus an dian mi do naimhdean ʼnan stol do chas?


Ach tha e so, le aon iobairt a thairgse suas air son pheacannan, ʼna shuidhe gu dilinn air deas laimh Dhe,


A coimhead air Iosa, ughdair us fear-criochnachaidh a chreidimh, a dhʼ fhuilig a cheusadh air sgàth an t-sòlais a chuireadh roimhe, a dianamh diù de mhasladh, ʼsa tha nis ʼna shuidhe air deas laimh cathair Dhe.


Uime sin, bho na tha ard-shagart mor againn, a chaidh a stigh do fhlathanas, Iosa Mac Dhe, cumamaid gu daingeann ar n-aideachadh.


Nach ruig a leas a h-uile latha (mar shagairt eile), iobairtean a thairgse suas an toiseach air son a pheacannan fhein, a rithist air son peacannan a phobuill: oir rinn e so aon uair, le e fhein a thairgse suas.


A nis se so suim nan nichean air na labhair sinn: Tha ard-shagart mar so againn, a tha ʼna shuidhe air deas laimh cathair na moralachd ann am flathanas,


Oir far a bheil tiomnadh, is fheudar bàs an tiomnadair a bhith ann:


Air chaochla càs dhʼ fheumadh e bhith air fulang gu tric bho thùs an t-saoghail: ach a nis an deireadh linntean nochd e e fhein aon uair, gus am peacadh a sgrios le e fhein iobradh.


A tha troimh-san a creidsinn ann an Dia, a thog e bho na mairbh, ʼsa thug gloir dha, gus ur creideamh agus ur dochas a bhith ann an Dia:


A tha air deas laimh Dhe, a slugadh sios a bhàis, gus sinn a bhith ʼnar n-oighreachan air a bheatha shiorruidh; ʼs air dha dol suas gu neamh, chuireadh na h-ainglean, ʼs na cumhachdan, ʼs na feartan, fo smachd dha.


Oir cha bʼ ann le bhith leantuinn faoin-sgialachdan air an dealbh gu h-innleachdach, a shoilleirich sinn dhuibh cumhachd us lathaireachd ar Tighearna Iosa Criosta, ach le bhith ʼnar fianuisean-sula air a mhoralachd.


Oir fhuair e bho Dhia an t-Athair onair us gloir, an guth so a tighinn a nuas ga ionnsuidh bho ʼn ghloir oirdheirc: Se so mo Mhac gaolach, agus is mor mo thlachd dheth; eisdibh ris.


Ach ma tha sinn a g-imeachd san t-solus, mar a tha esan san t-solus, tha co-chomunn againn ri cheile, us glanaidh fuil Iosa Criosta, a Mhac-san, sinn bho ʼn h-uile peacadh.


Agus tha fios agaibh gun do nochd e e fhein gus ar peacannan a thoirt air falbh; agus annsan cha n-eil peacadh.


Do ʼn aon Dia ar Slanair, tromh Iosa Criosta ar Tighearna, gun robh gloir us moralachd, rioghachd us cumhachd roimh gach linn, agus a nis, agus fad uile linntean nan linn. Amen.


Dhasan, a bheir buaidh, bheir mi comas suidhe maille rium air mo chathair: amhuil mar a thug mise buaidh, ʼsa shuidh mi maille ri mʼ Athair air a chathair-san.


Is airidh thu, a Thighearna ar Dia, air gloir, us onair, agus cumhachd fhaotuinn: a chionn gur tu a chruthaich a h-uile ni, agus gur h-ann as leth do thoil-sa a bha iad ann, ʼsa chruthaicheadh iad.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan