Philemoin 1:13 - Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 198613 Bu mhath leam a chumail ann an seo còmhla rium, gus an dèanadh e, nad àite fhèin, mo chuideachadh agus mi nam phrìosanach air sgàth an t‑Soisgeil. Faic an caibideilAm Bìoball Gàidhlig 199213 Neach a bu mhiann leam a chumail maille rium fhèin, a‑chum gun dèanadh e frithealadh dhomh ann ad àite-sa, ann an gèimhlean an t‑soisgeil: Faic an caibideilAm Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 199213 Neach a bu mhiann leam a chumail maille rium fhèin, a‑chum gun dèanadh e frithealadh dhomh ann ad àite‐sa, ann an gèimhlean an t‑soisgeil: Faic an caibideilAn Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 201713 Bu mhiann leam a chumail còmhla rium fhèin, airson 's gum frithealadh e dhomh nad àite‑sa, ann an sèinichean an t‑soisgeil. Faic an caibideilTiomnadh Nuadh (MacEachen) 187513 Bʼ aill leam a chumail maille rium fhein, gu frithealadh dhomh na dʼ aite fhein na mʼ chuibhrichean air son an t-soisgeil: Faic an caibideil |
Chan eil e ach ceart gum bithinn a' smaoineachadh oirbh uile mar seo, oir tha gràdh mòr agam oirbh nam chridhe, leis mar a tha sibh air fad a' gabhail pàirt anns an obair seo a thug Dia na ghràs dhomh. Tha sibh a' toirt taic dhomh an dà chuid nuair a tha mi air mo ghlasadh anns a' phrìosan, 's nuair a tha mi a' bruidhinn as leth an Deagh Sgèil, 's a' dearbhadh gu bheil e fìor.