Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 8:6 - Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

6 Dh'iarr e air an t‑sluagh suidhe air an talamh. Ghabh e na seachd bonnaich, 's nuair a thug e taing do Dhia air an son, bhrist e iad. Thug e an‑uairsin dha dheisciobail iad gus an roinn air an t‑sluagh, agus riaraich iadsan na daoine leo.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

6 Agus thug e òrdagh don t‑sluagh suidhe sìos air an làr: agus ghlac e na seachd buileannan, agus air toirt buidheachais, bhris e, agus thug e iad da dheisciobail, a‑chum gun cuireadh iad nan làthair iad: agus chuir iad sìos an làthair an t‑sluaigh iad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

6 Agus thug e òrdagh don t‑sluagh suidhe sìos air an làr: agus ghlac e na seachd buileannan, agus air toirt buidheachais, bhris e, agus thug e iad da dheisciobail, a‑chum gun cuireadh iad nan làthair iad: agus chuir iad sìos an làthair an t‑sluaigh iad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

6 Agus thug e òrdugh dhan t‑sluagh suidhe sìos air an talamh. Agus ghabh e na seachd lofaichean, agus às dèidh dha taing a thoirt, bhris e iad, agus thug e dha dheisciobail iad, airson an cur mun coinneamh; agus chuir iad sìos mu choinneamh an t‑sluaigh iad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

6 Agus dhʼorduich e doʼn t-sluagh suidhe air an làr. ʼSa glacail nan seachd builionnan, ʼsa toirt buidheachais, bhrist e, us thug e dha dheisciopuil iad gus an cur air am bialaobh, agus chuir iad air bialaobh an t-sluaigh iad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 8:6
18 Iomraidhean Croise  

Ge bith dè nì sibh no their sibh, dèanaibh a h‑uile nì ann an ainm an Tighearna Iosa, 's thoiribh taing troimhesan do Dhia an t‑Athair.


Dh'fhaighnich e dhiubh, “Co mheud bonnach a th'agaibh?” Thuirt iadsan, “Tha a seachd.”


Bha corra iasg beag aca cuideachd. Bheannaich e iad, 's dh'iarr e air a dheisciobail iad sin a roinn air an t‑sluagh.


“'S nuair a bhrist mi na seachd bonnaich dhan cheithir mìle, co mheud làn basgaid de chriomagan a thog sibh?” Thuirt iadsan, “A seachd.”


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan