Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 8:5 - Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

5 Dh'fhaighnich e dhiubh, “Co mheud bonnach a th'agaibh?” Thuirt iadsan, “Tha a seachd.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

5 Agus dh’fhiosraich e dhiubh, Cia lìon buileann a tha agaibh? Agus thubhairt iadsan, Seachd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

5 Agus dh’fhiosraich e dhiubh, Cia lìon buileann a tha agaibh? Agus thubhairt iadsan, Seachd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

5 Agus dh'fhaighnich e dhaibh, “Cia mheud lof a th' agaibh?” Agus thuirt iadsan, “Seachd.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

5 Us dhʼfharraid e dhiu: Co miad builionn a thʼagaibh? Thuirt iad: Seachd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 8:5
6 Iomraidhean Croise  

Thuirt esan riu, “Co mheud bonnach a th'agaibh? Falbhaibh's faicibh.” Nuair a chunnaic iad dè bh'aca, thuirt iad, “Tha còig, is dà iasg.”


Thuirt a dheisciobail ris, “Ciamar as urrainn do dhuine sam bith aran fhaighinn ann an seo san fhàsach, gus an sluagh seo a bhiadhadh?”


Dh'iarr e air an t‑sluagh suidhe air an talamh. Ghabh e na seachd bonnaich, 's nuair a thug e taing do Dhia air an son, bhrist e iad. Thug e an‑uairsin dha dheisciobail iad gus an roinn air an t‑sluagh, agus riaraich iadsan na daoine leo.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan