Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 7:5 - Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

5 Dh'fhaighnich na Pharasaich agus na sgrìobhaichean dheth, “Carson nach eil do dheisciobail-sa a' dèanamh a‑rèir cleachdadh nan athraichean ach ag ithe 's gun an làmhan glan?”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

5 An sin dh’fheòraich na Pharasaich agus na sgrìobhaichean dheth, Carson nach eil do dheisciobail ag imeachd a rèir beul-aithris nan seanairean, ach a tha iad ag ithe arain le làmhan gun ionnlaid?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

5 An sin dh’fheòraich na Pharasaich agus na sgrìobhaichean dheth, Carson nach eil do dheisciobail ag imeachd a rèir beul‐aithris nan seanairean, ach a tha iad ag ithe arain le làmhan gun ionnlaid?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

5 Dh'fhaighnich na Pharasaich 's na sgrìobhaichean dha, “Carson nach eil do dheisciobail a' coiseachd a rèir dualchas nan èildearan, ach ag ithe arain le làmhan ‘neòghlan’?”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

5 Agus dhʼfharraid na Phairisich ʼs na Sgriobhaich dheth: Car-son nach eil do dheisciopuil a g-imeachd air reir beul-aithris nan seanairean, ach a g-ithe arain le lamhan gun nighe?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 7:5
12 Iomraidhean Croise  

Mar sin tha sibh a' cur ás do dh'fhacal Dhè leis a' chleachdadh a tha sibh air a chumail a' dol. Agus is iomadh nì dha leithid a tha sibh a' dèanamh.”


“Tha sibh a' trèigsinn lagh Dhè, 's a' cumail ri cleachdadh dhaoine.”


Thuirt e riu, “Nach glan mar a tha sibh a' cur cùl ri lagh Dhè, feuch an daighnich sibh ur cleachdadh fhèin.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan