Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 7:4 - Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

4 'S nuair a thig iad bhon mhargadh, chan ith iad dad gun iad fhèin a nighe, 's tha iad a' cumail iomadh seann chleachdadh eile, a' nighe chupaichean is shiugaichean is choireachan prais.)

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

4 Agus air dhaibh teachd on mhargadh, mura tum iad iad, chan ith iad. Agus tha mòran de nithean eile a ghabh iad orra a choimhead, mar tha nighe chupan, agus phoitean, agus shoithichean umha, agus leapaichean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

4 Agus air dhaibh teachd on mhargadh, mura tum iad iad, chan ith iad. Agus tha mòran de nithean eile a ghabh iad orra a choimhead, mar tha nighe chupan, agus phoitean, agus shoithichean umha, agus leapaichean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

4 Agus nuair a thig iad on mhargaidh, chan ith iad mura nigh iad iad fhèin. Agus tha mòran de rudan eile ann a chumas iad, mar nighe chupannan is phoitean is shoithichean umha is bheingean‑ithe).

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

4 Agus ma thig iad bhoʼn mhargadh, cha n-ith iad gun ionnlad; ʼs tha ioma ni eile ann, a tha air an orduchadh dhaibh a chumail, mar tha nighe chupaichean, us phoitean, us shoitheachan pràise, us leabaichean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 7:4
15 Iomraidhean Croise  

“Tha sibh a' trèigsinn lagh Dhè, 's a' cumail ri cleachdadh dhaoine.”


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan