Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 7:34 - Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

34 Choimhead e suas gu nèamh, rinn e osna, 's thuirt e, “Ephphatha, Bi air t'fhosgladh.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

34 Agus air dha amharc suas gu nèamh, rinn e osna, agus thubhairt e ris, Ephphata, is e sin ri ràdh, Bi air d’fhosgladh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

34 Agus air dha amharc suas gu nèamh, rinn e osna, agus thubhairt e ris, Ephphata, is e sin ri ràdh, Bi air d’fhosgladh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

34 Agus a' coimhead suas gu nèamh rinn e osna agus thuirt e ris, “Ephphata!” (a tha a' ciallachadh, “Bi air d' fhosgladh!”).

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

34 ʼSa g-amharc suas gu neamh, thug e osnadh, us thuirt e: Ephpheta, se sin, bi air tʼfhosgladh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 7:34
21 Iomraidhean Croise  

Bha truas mòr aig Iosa ris. Shìn e a‑mach a làmh, bhean e dha, 's thuirt e ris, “Is math leam dha-rìribh; bi nise slàn.”


Aig trì uairean, dh'eubh Iosa le guth mòr, “Eloi, Eloi, lama sabachthani?”, 'se sin ri ràdh, “Mo Dhia, mo Dhia, carson a tha thu air mo thrèigsinn?”


Rug e air làimh oirre 's thuirt e rithe, “Talitha koum”; 'se sin, air eadar-theangachadh, “A nìonag, tha mi ag ràdh riut, èirich.”


Ghabh e thuige na còig bonnaich 's an dà iasg, thog e a shùilean gu nèamh, 's dh'iarr e beannachd orra. Bhrist e na bonnaich, 's thug e dha dheisciobail iad gus an riarachadh air an t‑sluagh, 's roinn e an dà iasg air na bh'ann.


Chaidh cluasan an duine fhosgladh agus fhuair a theanga saorsa, agus bhruidhinn e mar a bu chòir dha.


Rinn e osna throm na spiorad, 's thuirt e, “Carson a tha an ginealach seo ag iarraidh comharra? Tha mi ag ràdh ruibh gu cinnteach nach fhaigh an ginealach seo comharra.”


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan