Marcus 7:26 - Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 198626 B'ann dhan dùthaich sin fhèin, do Shìrophoenisia a bhuineadh i, 's b'e Greugais a cànan. Dh'iarr i air Iosa an droch spiorad a chur a‑mach ás an nighinn aice. Faic an caibideilAm Bìoball Gàidhlig 199226 (Agus bu bhana-Ghreugach a’ bhean, ban-Shirophenìseach a‑thaobh cinnich); agus ghuidh i air gun tilgeadh e an deamhan a‑mach as a nighinn. Faic an caibideilAm Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 199226 (Agus bu bhana‐Ghreugach a’ bhean, ban‐Shirophenìseach a‑thaobh cinnich); agus ghuidh i air gun tilgeadh e an deamhan a‑mach as a nighinn. Faic an caibideilAn Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 201726 A‑nis b' e bana‑Ghreugach a bh' anns a' bhoireannach, Sirophenìseach a‑thaobh a breith. Agus ghuidh i air gun tilgeadh e an deamhan a‑mach às a nighinn. Faic an caibideilTiomnadh Nuadh (MacEachen) 187526 Oir bu bhana-phaganach am boirionnach de chinneadh Shirophenissa. Agus ghrios i air gun cuireadh e an deomhan as a h-ighinn. Faic an caibideil |
'S e a' bhuil a th'ann nach eil eadar-dhealachadh sam bith eadar Greugach is Iùdhach, eadar an fheadhainn a chaidh a thimcheall-ghearradh 's an fheadhainn nach deach, no eadhon eadar coigrich, daoine borba, tràillean is daoine saora. 'S e Crìosd a‑mhàin a tha a' cunntadh, agus gabhaidh esan còmhnaidh annta uile.