Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 7:25 - Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

25 Bha bean ann aig an robh nighean bheag anns an robh droch spiorad. Chuala ise ma dheidhinn, 's thàinig i 's thuit i aig a chasan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

25 Oir chuala bean uime, aig an robh nighean bheag anns an robh spiorad neòghlan, agus thàinig i agus thuit i aig a chasan;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

25 Oir chuala bean uime, aig an robh nighean bheag anns an robh spiorad neòghlan, agus thàinig i agus thuit i aig a chasan;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

25 Ach sa bhad chuala boireannach aig an robh nighean bheag anns an robh spiorad neòghlan ma dheidhinn agus thàinig i is thuit i aig a chasan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

25 Oir cho luath ʼsa chuala boirionnach, aig an robh nighean anns an robh spiorad neoghlan, uime, chaidh i stigh, agus thuit i aig a chasan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 7:25
10 Iomraidhean Croise  

Thàinig lobhar far an robh Iosa. Chaidh e air a ghlùinean, 's thuirt e ris, “Mas math leat, tha e nad chomas mise a ghlanadh.”


A chionns gun robh fhios aice dè thachair dhi, thàinig am boireannach 's i air chrith leis an eagal. Thuit i aig a chasan 's dh'innis i dha a h‑uile nì mar a bha.


Thog e air ás a sin 's dh'fhalbh e gu dùthaich Thìorais. Chaidh e a dh'fhuireach a thaigh, 's cha robh e airson gum biodh fhios aig duine gun robh e ann, ach cha ghabhadh e cleith.


B'ann dhan dùthaich sin fhèin, do Shìrophoenisia a bhuineadh i, 's b'e Greugais a cànan. Dh'iarr i air Iosa an droch spiorad a chur a‑mach ás an nighinn aice.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan