Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 7:24 - Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

24 Thog e air ás a sin 's dh'fhalbh e gu dùthaich Thìorais. Chaidh e a dh'fhuireach a thaigh, 's cha robh e airson gum biodh fhios aig duine gun robh e ann, ach cha ghabhadh e cleith.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

24 Agus air dha èirigh as a sin, chaidh e gu crìochan Thìruis agus Shìdoin: agus nuair a chaidh e a‑steach do thaigh, cha b’àill leis fios a bhith aig neach sam bith air: gidheadh chan fhaodadh e a bhith am falach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

24 Agus air dha èirigh as a sin, chaidh e gu crìochan Thìruis agus Shìdoin: agus nuair a chaidh e a‑steach do thaigh, cha b’àill leis fios a bhith aig neach sam bith air: gidheadh chan fhaodadh e a bhith am falach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

24 Agus o sin dh'èirich e is chaidh e air falbh gu ceàrnaidh Thìruis agus Shìdoin. Agus chaidh e a‑steach do thaigh agus cha robh e ag iarraidh gum biodh fios aig neach sam bith air, ach a dh'aindeoin sin cha b' urrainn dha a bhith air fhalach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

24 ʼSa g-eirigh as a sin, chaidh e gu criochan Thiruis agus Shidoin; ʼsa dol a stigh do thigh, cha bʼaill leis gum biodh brath aig duine sa bith air, agus cha bʼurrainn e bhith am falach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 7:24
19 Iomraidhean Croise  

Beagan làithean an dèidh sin, nuair a thill e a Chapernàum, chaidh an naidheachd ma sgaoil gun robh e aig an taigh.


Tha na droch rudan sin uile a' tighinn bhon taobh a‑staigh, 's a' salach an duine.”


Bha bean ann aig an robh nighean bheag anns an robh droch spiorad. Chuala ise ma dheidhinn, 's thàinig i 's thuit i aig a chasan.


Thill e à dùthaich Thìorais, a' dol troimh Shìdon gu Loch Ghalile, 's troimh mheadhon nan Deich Bailtean.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan