Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 5:2 - Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

2 Nuair a thàinig Iosa a‑mach ás a' bhàta, thachair fear anns an robh droch spiorad ris,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

2 Agus nuair a chaidh e a‑mach as an luing, air ball thachair air as na h‑àitean-adhlaic duine anns an robh spiorad neòghlan,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

2 Agus nuair a chaidh e a‑mach as an luing, air ball thachair air as na h‑àitean‐adhlaic duine anns an robh spiorad neòghlan,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

2 Nuair a chaidh e a‑mach às an eathar, sa bhad, o na tuaman, thachair duine ris anns an robh spiorad neòghlan,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

2 ʼSa dol a mach as an eathar, ghrad-choinnich fear e a tighinn a mach as na h-uaighean anns an robh spiorad neoghlan,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 5:2
13 Iomraidhean Croise  

Dh'èirich am fear a bha seo, 's e fo bhuaidh droch spioraid, agus leig e eubh ás:


Siod an spiorad ga riasladh, 's a' falbh ás le sgriach.


Thuirt Iosa seo a chionns gun robh iad ag ràdh gun robh droch spiorad ann.


Air eagal 's gun teannaicheadh an sluagh air, dh'iarr e air a dheisciobail bàta a bhith deiseil dha;


Turas eile thòisich e air teagasg ri taobh an loch. Chruinnich urad a shluagh man cuairt air 's gum b'fheudar dha bàta a ghabhail agus suidhe innte air an loch, 's an sluagh cruinn air a' chladach.


Dh'fhàg iad an sluagh 's thug iad leo e, mar a bha e, anns a' bhàta, 's bha bàtaichean eile ann cuideachd.


Nuair a thill Iosa air ais chun an taobh thall, chruinnich sluagh mòr man cuairt air, ri oir an loch.


's e a' tighinn on chladh far an robh e a' còmhnaidh. Cha chumadh duine sam bith ceangailte e, fiù 's le sèinichean.


Oir bha Iosa air a ràdh ris an droch spiorad, “Thig a‑mach ás an duine.”


Bha bean ann aig an robh nighean bheag anns an robh droch spiorad. Chuala ise ma dheidhinn, 's thàinig i 's thuit i aig a chasan.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan