Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 4:8 - Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

8 Thuit cuid eile air talamh math. Dh'fhàs e suas 's thàinig toradh air, a dheich-ar‑fhichead urad 's a thrì fichead urad 's a cheud urad.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

8 Agus thuit cuid eile air talamh math, agus thug e toradh uaithe a’ fàs suas agus a’ meudachadh; agus thug e a‑mach, cuid a dheich-ar‑fhichead uiread, agus cuid a thrì-fichead uiread, agus cuid a cheud uiread is a chuireadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

8 Agus thuit cuid eile air talamh math, agus thug e toradh uaithe a’ fàs suas agus a’ meudachadh; agus thug e a‑mach, cuid a dheich‐ar‑fhichead uiread, agus cuid a thrì‐fichead uiread, agus cuid a cheud uiread is a chuireadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

8 Agus thuit cuid eile air talamh math is thug e toradh a‑mach, a' fàs suas agus a' meudachadh, is ghiùlain e a thrithead, a sheasgad 's a cheud uiread.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

8 Agus thuit cuid eile air talamh math; agus dhʼfhas e suas, us chinnich e, agus thug e bhuaithe toradh, cuid deich thar fhichead, cuid tri fichead, agus cuid ciad fillte.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 4:8
21 Iomraidhean Croise  

Ach seo mar a tha an fheadhainn far a bheil an sìol air a chur ann an talamh math: tha iadsan a' cluinntinn an fhacail 's ga ghabhail thuca fhèin, 's a' toirt a‑mach toraidh, a dheich-ar‑fhichead urad 's a thrì fichead urad 's a cheud urad.”


Thuit cuid eile a‑measg nan drisean, 's dh'fhàs na drisean agus thachd iad e, 's cha tàinig bàrr sam bith air.


'S thuirt e riu, “Ma tha cluasan agaibh gu èisdeachd, èisdibh.”


'S esan a tha a' ceangal an togalaich uile ri chèile, 's a' toirt air fàs gu bhith na theampall coisrigte dhan Tighearna.


Tha mi a' guidhe gun dèan Iosa Crìosd ur lìonadh le toradh na fìreantachd, 's air sgàth sin gum faigh Dia glòir agus cliù.


Tha an Soisgeul a' sgaoileadh air feadh an t‑saoghail, 's a' giùlan toradh. 'S e sin dìreach a tha e a' dèanamh nur beatha fhèin riamh bho chuala sibh mu dheidhinn, 's a chuir sibh eòlas ceart air gràs Dhè.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan