Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 4:2 - Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

2 Bha e a' cleachdadh mòran shamhlaidhean gan teagasg 's thuirt e riu,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

2 Agus theagaisg e dhaibh mòran de nithean ann an cosamhlachdan, agus thubhairt e riu na theagasg,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

2 Agus theagaisg e dhaibh mòran de nithean ann an cosamhlachdan, agus thubhairt e riu na theagasg,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

2 Agus bha e a' teagasg mòran rudan dhaibh ann an cosamhlachdan, agus na theagasg thuirt e riutha,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

2 Agus theagasg e moran nichean dhaibh an dubhfhacail, us thuirt e riu ʼna theagasg:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 4:2
15 Iomraidhean Croise  

Nuair a dh'fhalbh e ás a sin, thàinig e gu Iudèa air taobh thall Iòrdain. Chruinnich mòran dhaoine thuige 's thòisich e air an teagasg, mar a chleachd e.


Agus thòisich e a' bruidhinn ann an samhlaidhean. Thuirt e riu, “Bha siod ann duine a rinn fìon-lios ùr. Thog e balla timcheall oirre. Chladhaich e an‑uairsin toll-bruthaidh agus thog e tùr-faire. An dèidh sin thug e an lios air aonta do thuathanaich, agus dh'fhalbh e‑fhèin air turas.


Nuair a bha e gan teagasg, thuirt e riu, “Thoiribh an aire roimh na sgrìobhaichean, 's iad cho dèidheil air a bhith a' dol man cuairt ann an cleòcan fada, agus daoine a bhith gam fàilteachadh ann am meadhon a' bhaile.


Ghairm Iosa thuige fhèin iad, 's thòisich e air bruidhinn riu ann an samhlaidhean: “Ciamar as urrainn dhan t‑Sàtan an Sàtan a thilgeil a‑mach?


Thuirt e riu, “Fhuair sibhse eòlas air nithean mu rìoghachd Dhè a bha falaichte thuige seo, ach dhan fheadhainn a tha an taobh a‑muigh tha gach nì air a chur ann an samhlaidhean,


“Eisdibh. Chaidh fear a‑mach a chur sìl,


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan