Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 4:11 - Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

11 Thuirt e riu, “Fhuair sibhse eòlas air nithean mu rìoghachd Dhè a bha falaichte thuige seo, ach dhan fheadhainn a tha an taobh a‑muigh tha gach nì air a chur ann an samhlaidhean,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

11 Agus thubhairt e riu, Dhuibhse thugadh eòlas a ghabhail air nithean diamhair rìoghachd Dhè: ach dhaibh-san a tha an leth a‑muigh nìthear gach nì ann an cosamhlachdan:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

11 Agus thubhairt e riu, Dhuibhse thugadh eòlas a ghabhail air nithean diamhair rìoghachd Dhè: ach dhaibh‐san a tha an leth a‑muigh nìthear gach nì ann an cosamhlachdan:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

11 Thuirt e riutha, “Dhuibhse chaidh dìomhaireachd rìoghachd Dhè a thoirt, ach dhaibhsan a th' air an taobh a‑muigh tha a h‑uile rud ann an cosamhlachdan

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

11 Us thuirt e riu: Thugadh dhuibhse eolas air run-diomhair rioghachd Dhe: ach dhaibhse, a tha muigh, nithear a h-uile ni ann an dubhfhacail,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 4:11
20 Iomraidhean Croise  

Ghairm Iosa thuige fhèin iad, 's thòisich e air bruidhinn riu ann an samhlaidhean: “Ciamar as urrainn dhan t‑Sàtan an Sàtan a thilgeil a‑mach?


Nuair a dh'fhalbh an sluagh, chuir an fheadhainn a bha còmhla ris agus an dà fhear dheug ceistean air mu na samhlaidhean.


Bha e a' cleachdadh mòran shamhlaidhean gan teagasg 's thuirt e riu,


Roghnaich e gun toireadh e eòlas dhuinn air an nì sin a bha falaichte na rùintean fhèin, an nì a chuir e roimhe a thoirt gu buil ann an Crìosd.


Bithibh glic nuair a tha sibh a' dèanamh gnothach ris an fheadhainn a tha taobh a‑muigh a' chreidimh, 's cuiribh ur tìm gu deagh bhuil.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan