Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 4:10 - Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

10 Nuair a dh'fhalbh an sluagh, chuir an fheadhainn a bha còmhla ris agus an dà fhear dheug ceistean air mu na samhlaidhean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

10 Agus nuair a bha e na aonar, dh’fheòraich iadsan a bha mun cuairt dha, maille ris an dà‑fhear-dheug, an cosamhlachd dheth.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

10 Agus nuair a bha e na aonar, dh’fheòraich iadsan a bha mun cuairt dha, maille ris an dà‑fhear‐dheug, an cosamhlachd dheth.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

10 Nuair a bha e na aonar, dh'fhaighnich iadsan a bha mun cuairt air, còmhla ris an dà fhear dheug, mu dheidhinn na cosamhlachd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

10 Agus nuair a bha e leis fhein, dhʼfhaighnich na dhà-dhiag, a bha comhla ris, an dubhfhacal dheth.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 4:10
9 Iomraidhean Croise  

Thuirt e riu, “Fhuair sibhse eòlas air nithean mu rìoghachd Dhè a bha falaichte thuige seo, ach dhan fheadhainn a tha an taobh a‑muigh tha gach nì air a chur ann an samhlaidhean,


Cha robh e a' bruidhinn riu uair sam bith as aonais samhlaidh. Ach nuair a bhiodh e‑fhèin 's a dheisciobail leo fhèin, bhiodh e a' mìneachadh a h‑uile nì dhaibh.


'S thuirt e riu, “Ma tha cluasan agaibh gu èisdeachd, èisdibh.”


Nuair a chaidh e a‑steach 's a dh'fhàg e an sluagh, dh'fhaighnich a dheisciobail dheth mu dheidhinn an t‑samhlaidh.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan