Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 4:1 - Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

1 Turas eile thòisich e air teagasg ri taobh an loch. Chruinnich urad a shluagh man cuairt air 's gum b'fheudar dha bàta a ghabhail agus suidhe innte air an loch, 's an sluagh cruinn air a' chladach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus thòisich e air teagasg a‑rìs làimh ris a’ mhuir; agus chruinnicheadh sluagh mòr da ionnsaigh, ionnas gun deachaidh e a‑steach do luing, agus gun do shuidh e air a’ mhuir; agus bha an sluagh uile ri taobh na mara air tìr.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

1 Agus thòisich e air teagasg a‑rìs làimh ris a’ mhuir; agus chruinnicheadh sluagh mòr da ionnsaigh, ionnas gun deachaidh e a‑steach do luing, agus gun do shuidh e air a’ mhuir; agus bha an sluagh uile ri taobh na mara air tìr.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

1 A‑rithist thòisich e air teagasg ri taobh na mara. Chruinnich sluagh fìor mhòr timcheall air, a dh'fhàg gun deach e a‑steach do dh'eathar, agus shuidh e innte air a' mhuir, agus bha an sluagh gu lèir ri taobh na mara air an tìr.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

1 Agus thòisich e rithist ri teagasg aig taobh na mara; us thionail moran sluaigh ga ionnsuidh, air chor ʼsa dol air bord saghaich air a mhuir, gun do shuidh e, agus bha an sluagh uile ri taobh na mara air tir;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 4:1
9 Iomraidhean Croise  

Turas eile chaidh e a‑mach ri taobh an loch. Bha mòran dhaoine a' tighinn thuige gun sgur, 's bha esan gan teagasg.


Dh'fhalbh Iosa 's a dheisciobail leo fhèin gu taobh an loch, 's thàinig sluagh mòr a mhuinntir Ghalile às an dèidh.


Air eagal 's gun teannaicheadh an sluagh air, dh'iarr e air a dheisciobail bàta a bhith deiseil dha;


Dh'fhàg iad an sluagh 's thug iad leo e, mar a bha e, anns a' bhàta, 's bha bàtaichean eile ann cuideachd.


Nuair a thàinig Iosa a‑mach ás a' bhàta, thachair fear anns an robh droch spiorad ris,


Nuair a thill Iosa air ais chun an taobh thall, chruinnich sluagh mòr man cuairt air, ri oir an loch.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan