Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 3:9 - Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

9 Air eagal 's gun teannaicheadh an sluagh air, dh'iarr e air a dheisciobail bàta a bhith deiseil dha;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

9 Agus thubhairt e ra dheisciobail long bheag a bhith a’ feitheamh air, airson an t‑sluaigh, a‑chum nach dòmhlaicheadh iad e:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

9 Agus thubhairt e ra dheisciobail long bheag a bhith a’ feitheamh air, airson an t‑sluaigh, a‑chum nach dòmhlaicheadh iad e:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

9 Agus thuirt e ri a dheisciobail eathar bheag a dheisealachadh air a shon air sgàth an t‑sluaigh, airson 's nach bruthadh iad e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

9 Agus thuirt e ri dheisciopuil, saghach beag a bhith ga fhreasdal as leth an t-sluaigh, eagal gun domhlaicheadh iad e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 3:9
9 Iomraidhean Croise  

Turas eile thòisich e air teagasg ri taobh an loch. Chruinnich urad a shluagh man cuairt air 's gum b'fheudar dha bàta a ghabhail agus suidhe innte air an loch, 's an sluagh cruinn air a' chladach.


Dh'fhàg iad an sluagh 's thug iad leo e, mar a bha e, anns a' bhàta, 's bha bàtaichean eile ann cuideachd.


Nuair a thàinig Iosa a‑mach ás a' bhàta, thachair fear anns an robh droch spiorad ris,


Dh'aithnich Iosa sa mhionaid gun robh cumhachd air a dhol a‑mach bhuaithe, 's thionndaidh e man cuairt am meadhon an t‑sluaigh, 's thuirt e, “Cò bhean ri m'aodach?”


Dh'fhalbh iad sa bhàta gu àite uaigneach leo fhèin.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan