Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 2:12 - Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

12 Dh'èirich e anns a' bhad, thog e an leabaidh, 's choisich e a‑mach an sealladh an t‑sluaigh uile. Chuir seo ioghnadh anabarrach orra, 's thug iad moladh do Dhia, ag ràdh, “Chan fhaca sinn a leithid seo riamh.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

12 Agus dh’èirich esan air ball, agus thog e an leabaidh agus chaidh e a‑mach nam fianais uile, ionnas gu robh mòr-iongantas orra uile, agus gun do ghlòraich iad Dia, ag ràdh, Chan fhaca sinne riamh a leithid seo.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

12 Agus dh’èirich esan air ball, agus thog e an leabaidh agus chaidh e a‑mach nam fianais uile, ionnas gu robh mòr‐iongantas orra uile, agus gun do ghlòraich iad Dia, ag ràdh, Chan fhaca sinne riamh a leithid seo.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

12 Dh'èirich e agus sa bhad thog e suas a leabaidh agus chaidh e a‑mach mun coinneamh gu lèir. Bha iongnadh mòr orra uile agus ghlòraich iad Dia, ag ràdh, “Chan fhaca sinne riamh rud sam bith mar seo!”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

12 Agus ghrad-dhʼeirich e: ʼsa togail a leaba, dhʼfhalbh e ʼnam fianuis uile; air chor ʼs gun do ghabh iad ioghnadh air fad, ʼs thug iad gloir do Dhia, a g-radh: Cha n-fhaca sinn riamh a leithid so.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 2:12
13 Iomraidhean Croise  

Chuir seo ioghnadh eagalach air na bh'ann, 's bha iad a' faighneachd de chach-a‑chèile, “Dè tha seo? Teagasg ùr dha-rìribh, agus cumhachd còmhla ris! Tha e a' toirt òrdugh dha na droch spioradan fhèin 's tha iad a' toirt feairt air!”


Eirich air do chasan,” ars esan an‑uairsin ris a' chrioplach, “tog do leabaidh 's bi a' falbh dhachaigh.”


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan