Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 2:1 - Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

1 Beagan làithean an dèidh sin, nuair a thill e a Chapernàum, chaidh an naidheachd ma sgaoil gun robh e aig an taigh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus an dèidh làithean àraidh, chaidh e a‑rìs a‑steach do Chapernàum; agus chualas esan a bhith anns an taigh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

1 Agus an dèidh làithean àraidh, chaidh e a‑rìs a‑steach do Chapernàum; agus chualas esan a bhith anns an taigh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

1 Nuair a thàinig e a‑rithist gu Capernàum às dèidh beagan làithean, chaidh cluinntinn gun robh e aig an dachaigh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

1 Agus chaidh e stigh a rithist do Chapharnaum an ceann beagan laithean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 2:1
13 Iomraidhean Croise  

Ach dh'fhalbh esan, 's cha robh tosd a' dol air ach ag innse fad is farsaing mar a thachair dha. Mar sin cha b'urrainn do dh'Iosa tadhal sna bailtean, ach dh'fhan e a‑muigh air an dùthaich. Ann an sin fhèin, bha feadhainn ga ruighinn ás gach àite.


Chruinnich urad a dhaoine 's nach robh àite ann dhan chòrr, fiù 's man doras. Nuair a bha e a' toirt dhaibh a theachdaireachd,


Chaidh e an‑uairsin dhachaigh. Chruinnich a leithid a shluagh a‑rithist 's nach b'urrainn dhaibh fiù 's blasad bìdh ithe.


Nuair a chaidh e a‑steach 's a dh'fhàg e an sluagh, dh'fhaighnich a dheisciobail dheth mu dheidhinn an t‑samhlaidh.


Thog e air ás a sin 's dh'fhalbh e gu dùthaich Thìorais. Chaidh e a dh'fhuireach a thaigh, 's cha robh e airson gum biodh fhios aig duine gun robh e ann, ach cha ghabhadh e cleith.


Nuair a chaidh Iosa a‑steach, dh'fhaighnich a dheisciobail dheth 's iad leo fhèin, “Carson nach b'urrainn dhuinne an droch spiorad a thilgeil a‑mach?”


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan