Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 16:1 - Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

1 Nuair a bha an t‑Sàbaid seachad, cheannaich Màiri à Magdala, Màiri màthair Sheumais, agus Salome cungaidhean cùbhraidh airson a dhol ga ungadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus air dol don t‑sàbaid seachad, cheannaich Muire Magdalen, agus màthair Sheumais, agus Salòme, spìosraidh deagh fhàile, a‑chum air dhaibh teachd gun ungadh iad e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

1 Agus air dol don t‑sàbaid seachad, cheannaich Muire Magdalen, agus màthair Sheumais, agus Salòme, spìosraidh deagh fhàile, a‑chum air dhaibh teachd gun ungadh iad e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

1 Nuair a bha an t‑Sàbaid seachad, cheannaich Màiri Magdalen is màthair Sheumais is Salòme spìosraidhean, airson 's gum faodadh iad a dhol ga ungadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

1 ʼS nuair a chaidh an t-sàbaid seachad, cheannaich Mairi Magdalen, us Mairi mathair Sheumais, agus Salome, spiosradh, los, air tighinn daibh, gun ungadh iad Iosa.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 16:1
19 Iomraidhean Croise  

Nuair a bha e ann am Betani, 's e na shuidhe a' gabhail a bhìdh ann an taigh Shìmoin, an lobhar, thàinig boireannach a‑steach le soitheach alabastair làn de dh'fhìor ola nàrd, a bha glè chosgail. Bhrist i an soitheach, 's dhòirt i an ola air ceann Iosa.


Rinn i na b'urrainn dhi; thàinig i roimh-làimh a dh'ungadh mo chuirp air son na h‑uaighe.


Bha boireannaich ann cuideachd a bha ga choimhead pìos bhuaithe. Nam measg bha Màiri à Magdala, Màiri màthair Sheumais Oig is Ioseis, agus Salome.


Nuair a thàinig am feasgar, a chionns gur e là an ullachaidh a bh'ann, an là ron t‑Sàbaid, nochd Iòseph à Arimatèa,


Bha Màiri à Magdala agus Màiri màthair Ioseis a' gabhail beachd air an àite far an deach an corp a chur.


Glè thràth sa mhadainn air a' cheud là dhen t‑seachdain, nuair a dh'èirich a' ghrian, chaidh iad chun na h‑uaighe.


Chaidh iad a‑mach 's theich iad bhon uaigh, oir bha iad air chrith leis an ioghnadh a ghabh iad, 's cha leigeadh an t‑eagal leo guth a ràdh ri duine.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan