Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 13:3 - Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

3 Nuair a bha e na shuidhe air Beinn nan Craobh-ola, thall mu choinneamh an teampaill, bhruidhinn Peadar, Seumas, Eòin agus Anndra ris nuair a bha iad leo fhèin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

3 Agus nuair a shuidh e air Sliabh nan Crann-ola, fa chomhair an teampaill, dh’fheòraich Peadar, agus Seumas, agus Eòin, agus Anndras, ann an uaigneas dheth,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

3 Agus nuair a shuidh e air Sliabh nan Crann‐ola, fa chomhair an teampaill, dh’fheòraich Peadar, agus Seumas, agus Eòin, agus Anndras, ann an uaigneas dheth,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

3 Agus fhad 's a bha e na shuidhe air Beinn nan Crann‑Ola mu choinneamh an teampaill, chuir Peadar, Seumas, Eòin agus Anndra, ceist air gu prìobhaideach, ag ràdh,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

3 ʼS nuair a bha e ʼna shuidhe air sliabh Olibheit, mu chomhair an teampuill, chuir Peadar, us Seumas, us Aindris ceisd air a lethtaobh:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 13:3
13 Iomraidhean Croise  

Thàinig Seumas agus Eòin, mic Shebede, thuige. “A Mhaighistir,” thuirt iad ris, “bu toigh leinne gun dèanadh tu dhuinn an rud a tha sinn a' dol a dh'iarraidh ort.”


“Cuin,” ars iadsan, “a thachras seo, agus dè an comharra a bhios ann gu bheil na rudan seo uile a' tighinn gu buil?”


Thug e Peadar agus Seumas agus Eòin còmhla ris, 's thàinig àmhghair agus imcheist eagalach air.


Cha robh e a' bruidhinn riu uair sam bith as aonais samhlaidh. Ach nuair a bhiodh e‑fhèin 's a dheisciobail leo fhèin, bhiodh e a' mìneachadh a h‑uile nì dhaibh.


Cha do leig e le neach sam bith a dhol còmhla ris ach Peadar agus Seumas agus Eòin bràthair Sheumais.


Sia làithean an dèidh sin, thug Iosa leis Peadar, Seumas agus Eòin leo fhèin gu beinn àrd 's chaidh an cruth aige atharrachadh man coinneamh.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan