Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 12:41 - Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

41 Shuidh Iosa mu choinneamh àite-tionail an airgid san teampall, 's bha e gabhail beachd mar a bha daoine a' cur ann. Bha mòran dhaoine beairteach a' cur airgead mòr ann.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

41 Agus air do Iosa suidhe fa chomhair àite-coimhead an ionmhais, thug e fa‑near cionnas a bha am poball a’ cur an airgid anns an ionmhas: agus chuir mòran de dhaoine saoibhir mòran ann.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

41 Agus air do Iosa suidhe fa chomhair àite‐coimhead an ionmhais, thug e fa‑near cionnas a bha am poball a’ cur an airgid anns an ionmhas: agus chuir mòran de dhaoine saoibhir mòran ann.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

41 Agus shuidh Ìosa sìos mu choinneamh àite an ionmhais, agus bha e a' sealltainn air an t‑sluagh a' tilgeil an airgid dhan chiste‑ionmhais, is thilg tòrr dhaoine beairteach mòran innte.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

41 ʼS nuair a bha Iosa ʼna shuidhe mu choinneamh tasgaidh an iuntais, chunnaic e mar bha ʼn sluagh a tilgeadh airgid san tasgaidh, agus thilg moran de dhaoine beartach na h-uibhir innte.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 12:41
5 Iomraidhean Croise  

Thàinig an‑uairsin banntrach bhochd, agus thilg ise ann dà bhonn bheag nach b'fhiach urad ri sgillinn.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan