Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 12:33 - Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

33 Ma ghràdhaicheas duine esan le uile chridhe, le uile thuigse, 's le uile neart, 's ma ghràdhaicheas e a nàbaidh mar e‑fhèin, tha sin mòran nas fheàrr na a bhith ag ìobradh bheathaichean is rudan eile do Dhia.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

33 Agus esan a ghràdhachadh leis an uile chridhe, agus leis an uile thuigse, agus leis an uile anam, agus leis an uile neart, agus neach a ghràdhachadh a choimhearsnaich mar e fhèin, is mò sin na na h‑uile làn ìobairtean-loisgte agus thabhartas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

33 Agus esan a ghràdhachadh leis an uile chridhe, agus leis an uile thuigse, agus leis an uile anam, agus leis an uile neart, agus neach a ghràdhachadh a choimhearsnaich mar e fhèin, is mò sin na na h‑uile làn ìobairtean‐loisgte agus thabhartas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

33 Agus a bhith ga ghràdhachadh leis a' chridhe gu lèir 's leis an tuigse gu lèir 's leis an neart gu lèir, agus a bhith a' gràdhachadh a choimhearsnaich mar e fhèin, tha sin fada nas motha na na tabhartasan‑loisgte 's na h‑ìobairtean gu lèir.”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

33 ʼS gur e gaol thoirt da leis an uile chridhe, ʼs leis an uile anam, ʼs leis an uile inntinn, agus leis an uile neart; agus gaol a thoirt do choimhearsnach mar do dhuine fhein, is mua na gach iobairt uile-loisgte agus tobhartas eile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 12:33
15 Iomraidhean Croise  

Lean sinn:

Sanasan


Sanasan