Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 12:28 - Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

28 Chuala fear dhe na sgrìobhaichean an deasbad, agus mhothaich e gun tug Iosa an deagh fhreagairt dhaibh. Thàinig e 's dh'fhaighnich e dheth, “Dè an àithne a tha a' toirt bàrr air na h‑àithntean uile?”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

28 Agus thàinig neach de na sgrìobhaichean, agus nuair a chuala e iadsan a’ deasbaireachd ri chèile, agus a thuig e gun do fhreagair e gu math iad, chuir e ceist air, Cia i a’ chiad àithne de na h‑àitheantan uile?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

28 Agus thàinig neach de na sgrìobhaichean, agus nuair a chuala e iadsan a’ deasbaireachd ri chèile, agus a thuig e gun do fhreagair e gu math iad, chuir e ceist air, Cia i a’ chiad àithne de na h‑àitheantan uile?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

28 Agus thàinig fear dhe na sgrìobhaichean, agus nuair a chuala e iadsan a' deasbad ri chèile, agus a' faicinn gun do fhreagair e gu math iad, dh'fhaighnich e dha, “Cò i a' phrìomh àithne dhiubh uile?”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

28 Us thainig fear de na Sgriobhaich, a chual iad a consachadh, ʼsa faicinn gur math a fhreagair e iad, dhʼ fharraid e dheth co bʼi a chiad fhainte dhiu uile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 12:28
8 Iomraidhean Croise  

Nuair a ràinig iad na deisciobail eile, chunnaic iad sluagh mòr timcheall orra agus sgrìobhaichean a' deasbad riu.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan