Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 12:19 - Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

19 “A Mhaighistir,” ars iadsan, “sgrìobh Maois dhuinn: ‘Ma bhàsaicheas duine 's gum fàg e banntrach gun chloinn, feumaidh bràthair an duine a' bhanntrach a phòsadh, agus clann a ghintinn dhan duine mharbh.’

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

19 A Mhaighistir, sgrìobh Maois dhuinne, Nam faigheadh bràthair duine air bith bàs, agus gum fàgadh e bean, agus nach fàgadh e clann, gun gabhadh a bhràthair a bhean da ionnsaigh, agus gun togadh e sliochd da bhràthair.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

19 A Mhaighistir, sgrìobh Maois dhuinne, Nam faigheadh bràthair duine air bith bàs, agus gum fàgadh e bean, agus nach fàgadh e clann, gun gabhadh a bhràthair a bhean da ionnsaigh, agus gun togadh e sliochd da bhràthair.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

19 “Fhir‑Teagaisg, sgrìobh Maois dhuinne nam bàsaicheadh bràthair duine is gum fàgadh e bean, ach nach fàgadh e clann, gun gabhadh a bhràthair a' bhean thuige fhèin, agus gun togadh e sliochd dha bhràthair.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

19 A mhaighistir, sgriobh Maois dhuinn, ma gheobh brathair duine bàs, ʼs gum fag e bean, ʼs nach fhag e clann, gabhadh a bhrathair a bhean, ʼs togadh e sliochd dha bhrathair.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 12:19
6 Iomraidhean Croise  

Nise bha seachdnar bhràithrean ann. Phòs a' cheud fhear bean agus bhàsaich e gun teaghlach.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan