Marcus 12:14 - Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 198614 Thàinig iad 's thuirt iad ris, “A Mhaighistir, tha fhios againn gu bheil thusa fìrinneach, 's nach eil taobh agad ri neach seach neach, oir chan eil suim agad do dh'inbhe duine, ach tha thu a' teagasg na fìrinn mu shlighe Dhè. A bheil e laghail, no nach eil, cìs a thoirt do Chèasar? Am pàigh sinn i, no nach pàigh?” Faic an caibideilAm Bìoball Gàidhlig 199214 Agus air dhaibhsan teachd, thubhairt iad ris, A Mhaighistir, tha fhios againn gu bheil thusa fìrinneach, agus nach eil suim agad de neach air bith: oir chan eil thu ag amharc air gnùis dhaoine, ach a’ teagasg slighe Dhè ann am fìrinn. A bheil e ceadaichte cìs a thoirt do Chèasar no nach eil? An tabhair no nach tabhair sinn i? Faic an caibideilAm Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 199214 Agus air dhaibhsan teachd, thubhairt iad ris, A Mhaighistir, tha fhios againn gu bheil thusa fìrinneach, agus nach eil suim agad de neach air bith: oir chan eil thu ag amharc air gnùis dhaoine, ach a’ teagasg slighe Dhè ann am fìrinn. A bheil e ceadaichte cìs a thoirt do Chèasar no nach eil? An tabhair no nach tabhair sinn i? Faic an caibideilAn Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 201714 Thàinig iad agus thuirt iad ris, “Fhir‑Teagaisg, tha fios againn gu bheil thusa fìrinneach agus nach eil dragh ort mu bheachd neach sam bith; oir chan eil thu a' gabhail suim de choltas dhaoine ach a' teagasg slighe Dhè ann am fìrinn. A bheil e laghail cìs a thoirt do Chèasar no nach eil? Am bu chòir dhuinn pàigheadh no nach bu chòir?” Faic an caibideilTiomnadh Nuadh (MacEachen) 187514 Thainig iadsan, us thuirt iad ris: A Mhaighistir, tha fios againn gur duine firinneach thu, ʼs nach eil eisimeil agad ri duine air bith: oir cha sheall thu air pearsa dhaoine, ach tha thu teagasg slighe Dhe am firinn. Bheil e ceadaichte cis a thoirt do Chésar, no nach toir sinn i? Faic an caibideil |