Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 12:1 - Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

1 Agus thòisich e a' bruidhinn ann an samhlaidhean. Thuirt e riu, “Bha siod ann duine a rinn fìon-lios ùr. Thog e balla timcheall oirre. Chladhaich e an‑uairsin toll-bruthaidh agus thog e tùr-faire. An dèidh sin thug e an lios air aonta do thuathanaich, agus dh'fhalbh e‑fhèin air turas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Agus thòisich e air labhairt riu ann an cosamhlachdan. Shuidhich duine àraidh fìonlios, agus chuir e gàrradh mun cuairt air, agus chladhaich e ionad-bruthaidh nam fìondhearc, agus thog e tùr, agus shuidhich e air tuath e, agus ghabh e a thuras as a dhùthaich.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

1 Agus thòisich e air labhairt riu ann an cosamhlachdan. Shuidhich duine àraidh fìonlios, agus chuir e gàrradh mun cuairt air, agus chladhaich e ionad‐bruthaidh nam fìondhearc, agus thog e tùr, agus shuidhich e air tuath e, agus ghabh e a thuras as a dhùthaich.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

1 Agus thòisich Ìosa air bruidhinn riutha ann an cosamhlachdan: “Chuir duine fìon‑lios, agus chuir e balla timcheall air agus chladhaich e amar‑fìona, agus thog e tùr; agus thug e air mhàl do thuathanaich e agus dh'fhàg e an dùthaich.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

1 Us thòisich e ri labhairt riu ann an dubhfhacail: Phlanntaich duine araid fion-lios, us chuir e gàradh; mu thimchioll, us chladhaich e amar-fiona, us thog e tùr, us shuidhich e air tuath e, us dhʼfhalbh e gu tir chein.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 12:1
38 Iomraidhean Croise  

Mar sin thuirt iad ris, “Chan eil fhios againn.” Thuirt Iosa riu, “Cha mhò a dh'innseas mise dhuibhse dè an t‑ùghdarras a th'agamsa gu bhith dèanamh nan rudan seo.”


Bidh e dìreach mar dhuine a' falbh air chuairt, 's a' fàgail a thaighe air chùram nan seirbhiseach. Tha e a' toirt obair fhèin dha gach fear, 's ag iarraidh air an dorsair a bhith ri faire.


Ghairm Iosa thuige fhèin iad, 's thòisich e air bruidhinn riu ann an samhlaidhean: “Ciamar as urrainn dhan t‑Sàtan an Sàtan a thilgeil a‑mach?


Bha e a' cleachdadh mòran shamhlaidhean gan teagasg 's thuirt e riu,


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan