Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 10:44 - Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

44 'S ma tha fear sam bith nur measg a tha ag iarraidh a bhith air thoiseach air càch, feumaidh e a bhith na sheirbhiseach aig a h‑uile duine.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

44 Agus ge bè neach agaibh len àill toiseach a bhith aige, bidh e na sheirbhiseach do na h‑uile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

44 Agus ge bè neach agaibh len àill toiseach a bhith aige, bidh e na sheirbhiseach do na h‑uile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

44 agus ge b' e cò agaibh lem bu toigh l' a bhith air thoiseach, bidh e na sheirbheiseach dha na h‑uile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

44 Us co sam bith leis an aill a bhith air thoiseach ʼnur measg, bithidh e ʼna sheirbhiseach agaibh uile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 10:44
5 Iomraidhean Croise  

Chan ann mar sin a tha e nur measg-sa, ach an duine a tha ag iarraidh a bhith mòr, feumaidh e a bhith na sheirbhiseach aig càch.


Oir chan ann airson gum biodh seirbhisich aige a thàinig Mac an Duine fhèin, ach airson gum biodh e‑fhèin na sheirbhiseach, 's gun toireadh e seachad a bheatha gus saorsa a cheannach do mhòran.”


An dèidh dha suidhe, ghairm e thuige an dà fhear dheug 's thuirt e riu, “Ma tha fear sam bith ag iarraidh a bhith air thoiseach, bidh e air dheireadh air càch uile, 's na sheirbhiseach aig càch.”


Ach chuir e cùl ris gach urram 's ghabh e air fhèin gnè seirbhisich. Thàinig e dhan t‑saoghal mar dhuine 's a rèir a chruth, 's e duine a bh'ann.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan