Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 10:41 - Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

41 Nuair a chuala an deichnear eile seo, bha iad diumbach de Sheumas agus Eòin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

41 Agus air cluinntinn seo don deichnear, thòisich iad air mòr-chorraich a ghabhail ri Seumas agus Eòin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

41 Agus air cluinntinn seo don deichnear, thòisich iad air mòr‐chorraich a ghabhail ri Seumas agus Eòin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

41 Nuair a chuala an deichnear seo, thòisich iad air diomb a ghabhail ri Seumas is Eòin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

41 Us nuair a chual an deichnear so, thòisich iad ri bhith diumbach de Sheumas ʼs de Eoin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 10:41
9 Iomraidhean Croise  

Ghairm Iosa na deisciobail thuige, 's thuirt e riu, “An fheadhainn a tha air am meas nan ceannardan a‑measg nan cinneach, tha fhios agaibh gu bheil smachd aca thairis orra, 's gu bheil ùghdarras aig na daoine mòra aca thairis orra.


Na dèanaibh nì sam bith ann am fèinealachd, no air sgàth a bhith mòr, ach, ann an ioraslachd, cuireadh gach aon agaibh am fear eile air thoiseach air fhèin.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan