Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Marcus 10:33 - Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

33 Thuirt e, “Eisdibh seo. Tha sinne a' dol suas gu Ierusalem, 's thèid Mac an Duine a thoirt dha na h‑àrd-shagairt 's dha na sgrìobhaichean. Dìtidh iad gu bàs e, 's bheir iad thairis e dha na coigrich.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

33 Ag ràdh, Feuch, tha sinn a’ dol suas gu Ierusalem; agus bidh Mac an Duine air a thoirt thairis do na h‑àrd-shagartan, agus do na sgrìobhaichean: agus dìtidh iad a‑chum bàis e, agus bheir iad thairis e do na Cinnich;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

33 Ag ràdh, Feuch, tha sinn a’ dol suas gu Ierusalem; agus bidh Mac an Duine air a thoirt thairis do na h‑àrd‐shagartan, agus do na sgrìobhaichean: agus dìtidh iad a‑chum bàis e, agus bheir iad thairis e do na Cinnich;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

33 ag ràdh, “Seall, tha sinn a' dol suas gu Ierusalem, agus bidh Mac an Duine air a thoirt thairis dha na h‑àrd‑shagartan agus dha na sgrìobhaichean, agus dìtidh iad gu bàs e agus bheir iad thairis dha na Cinnich e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

33 Seall, tha sinn dol suas gu Ierusalem, agus liubhrar Mac an duine do na h-ard-shagairt, ʼs do na Sgriobhaich, ʼs do na seanairean, agus ditidh iad e gu bàs, agus bheir iad seachad do na cinnich e;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Marcus 10:33
23 Iomraidhean Croise  

Chuala sibh an toibheum aige: dè ur beachd?” 'Se a' bhinn a thug iad uile a‑mach gun robh e airidh air a' bhàs.


Aʼ cheud char sa mhadainn, thàinig na h‑àrd-shagairt, na h‑athraichean 's na sgrìobhaichean an ceann a chèile; bha an àrd-chomhairle gu lèir cruinn. Cheangail iad Iosa, 's shlaod iad leo e, ga thoirt thairis do Phìlat.


Thòisich e air teagasg dhaibh gum feumadh Mac an Duine mòran rudan fhulang, agus a bhith air a chur a thaobh le athraichean an t‑sionagoig agus na h‑àrd-shagairt agus na sgrìobhaichean. Dh'fheumadh e a bhith air a mharbhadh agus èirigh a‑rithist an ceann trì là.


Fhreagair e iad, “Gu cinnteach thig Eliah an toiseach, agus cuiridh e a h‑uile nì air dòigh. Nach eil e sgrìobhte mu Mhac an Duine gum feum e mòran fhulang 's a bhith air a chur suarach?


oir bha e a' teagasg a dheisciobail 's ag ràdh riu, “Bidh Mac an Duine air a thoirt thairis do dhaoine agus marbhaidh iad e. An dèidh dha a bhith air a chur gu bàs, èiridh e a‑rithist an ceann trì là.”


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan